Back to recordings

Ged a Thilleadh E air n-Ais Dhachaidh

0:00
0:00 Download MP3

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF156i04 GED A THILLEADH E AIR N-AIS DHACHAIDH


Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil


[Joe Neil MacNeil:] Bha Màrtann latha eile aig taigh agus bha balach òg air turas air choireigin aig an taigh a bha seo agus sheinn Màrtann òran no dhà a sheinn e a' mhadainn—a' latha a bha seo agus bha an t-òganach a bha seo, bha e pìos de dh'astar air falbh bho 'n dachaigh aige fhéin. Thàinig e ma dh'fhaoidte mìle a dh'astar no [?] sin. Agus nuair a sheinn e fhéin òran thug Màrtann taing dha agus thuirt fear an taighe, "Bidh a' fear ud," ars' esan, "math fhathast ma chumas e roimhe."
"O," ars' esan, Màrtann, "Bidh a' fear ud math," ars' esan, "ged a thilleadh e air n-ais dhachaigh!"

Joe Neil MacNeil
An Rubha Meadhanach | Middle Cape 583 recordings Faic pròifil | view profile