A' Bhean Uasal
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF155i12 A' BHEAN UASAL
Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil
Bha latha eile bha e fhéin 's a bhean 'na' suidhe a-staigh agus chunnaic e crodh a' tighinn a-nuas dh'ionnsaidh na pàirc' is bha pàirc coirce—coirce 's an achadh a bhos. Bha eagal orr' gu faigheadh an crodh a-staigh dha 'n athadh coirce. Agus thuirt e ris a bhean, "Tha mi 'faicinn gu bheil an crodh a' tighinn a-nuas a dh'ionnsaidh—dh'ionnsaidh na pàirce coirce, a bhean uasail," ars' esan.
"Tha," ars' ise, "Mi 'ga faicinn, a dhuin' uasail." Is bha ise 'na suidhe ann an cathair—an cathair-tulgaidh a's an àm.
Agus, "Tha mi glé thoil—leòmach," ars' esan, "Gun do dh'éibh thu duin' uasal dhomh."
"Seadh," ars' ise, "'S tha mise gu math bòsdail gun duirt thu bean uasal rium fhìn."
"Chan fhaca mise riamh thu cho coltach ri bean uasal 's a tha mi 'gad fhaicinn an-dràst'."