Na Mucan
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF155i10 NA MUCAN
Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil
[Joe Neil MacNeil:] Turas eile bha e shìos aig a—bruidhinn ris an t-sagairt nuair a bhiodh 'ad a' faighinn mucan beaga; bhiodh 'ad 'ga faighinn—'gad—ag òrdachadh mucan bho chuideigin agus ma dh'fhaoidte gur 'ad fhéin—fear aca fhéin a bhiodh air falbh an àiteigin 's bheireadh 'ad mhuc a bhiodh an sagairt a' ceannach dha dh' ionnsaigh agus 's e Mìcheal a thug a' mhuc dh' ionnsaigh an t-sagairt an turas a bha seo. Fhuair e fhéin muc bheag 's fhuair e 's fhuair a—fhuair a nàbaidh muc bheag agus fhuair esan—chuireadh iad muc bheag dh' ionnsaigh an t-sagairt. Bha e a latha shìos aig àite an t-sagairt. Thug e an sagairt a-null a choimhead na muiceadh. Agus tha e coltach gu robh a' mhuc aig Mìcheal na bu mhotha na muc aig an t-sagairt ged is e a' mhuc a bu mhotha, tha mi creidsinn, a chaidh a thoirt dha an toiseach. Agus "Nach eil", ars' esan, "a' mhuc seo nise na's motha na a' mhuc agad fhéin a Mhìcheil?"
"Chan eil", arsa Mìcheal, "Thàinig gu robh am muc agamsa faisg air leth cheud punnd na's truime na i seo. Leth fich—dà fhichead punnd na's truime na i seo. Agus nam biodh paraist' agam, bhiodh i leth cheud punnd ['na…?]!"