Back to recordings

An t-Each Marbh

0:00
0:00 Download MP3

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF155i09 AN T-EACH MARBH


Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil



Bha fear a' fuireach an taice ris ann an nàbachd aige. Bha esan aig an ath-dhoras mar a bheireadh 'ad. Agus bhiodh 'ad dol dha 'n bhaile mhór a h-uile dà sheachdain co-dhiù. Bhiodh 'ad dol a-staigh le gnothaichean a bhiodh 'ad réic. Agus oh bha each fìor mhath aige. Bha e cho luath agus làidir cuideachd—each math. Ach turas a thàinig e dhachaigh ás a' bhaile 's bha coltach gu robh móran cabhag air a' tighinn. Agus ghreas e an t-each 's bha an t-each cho blàth nuair a thàinig e dhachaigh agus tha mi cinnteach gun d' thug e dha coirc' agus uiste [uisge] agus air an oidhche sin fhéin chailleadh an t-each. Fhuair e 'm bàs. Tha mi cinnteach gun—gun do—deachaidh an coirc' is a h-uile rud a bh' ann, mar a bheireadh 'ad gun d' thug e coilig air an each. Agus co-dhiù cha d' rinn iad ach an t-each a tharraing a-mach ás an stàball a' làrna-mhàireach agus a chur sìos ann an sloc an àit-eigin. Agus bha an dithist a bha seo, bha each ann ac' fhéin agus Mìcheal Dòmhnall, tha fhios gu robh 'ad ann. Dh'fheumadh 'ad sin a bheir timchioll a' ghnothaich. Agus ma dh'fhaoidte gura h-e 'n t-each a bh' aig fear aca fhéin a bh' air a cuideachadh airson each an fhear eile tharraing dh'ionnsaigh an t-sluic. Agus thuirt Eachann ri Mìcheal, "Nach eil a' gnothach neo uabhasach?" ars' esan. "Nach eil a' gnothach gàbhaidh? Cho ealamh 's a dh'fhalbh an t-each ud," ars' esan, "Is cho math 's a bha e agus cho ealamh 's a dh'fhalbh e."
"Tha," ars' esan—"Tha", ars' esan, Mìcheal, "Bha. Dh'fhalbh e gu math ealamh gun teagamh agus cha do chùm iad ach aon oidhche os cionn talmhainn e."

Joe Neil MacNeil
An Rubha Meadhanach | Middle Cape 583 recordings Faic pròifil | view profile