Comadh e gun teicheadh e
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF155i03 COMADH E, GUN TEICHEADH E
Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil
[Joe Neil MacNeil:] Chaochail nàbaidh do Dhiarmad agus chaidh e dh' ionnsaigh na faire 's bha fhios gun deach e cuid mhór dol mu'n cuairt air na nàbaidhean dh'ionnsaigh na faire. Agus bha feadhainn aca thàinig 'ad beagan de dh' astar. Bha - thug 'ad leò each. Mar sin geamhradh a bha 'n teachd agus sléigh' a bh' aca [?] bho 'n is e carbad ceithir rothach a bh' aca 's coingeis co dhiù. Bha cuid air tighinn air thoiseach air Diarmad mu 'n do ràinig e 'n t-àit' a bha seo. Agus feumaidh gur e àm car fuar na—nach robh gàbhaidh math a bh' ann co dhiù agus bha e ri na h-eich a chur a-staigh uile 's cha robh àit' aca fhaighinn 'n t-each aig Diarmad ach bha seòrsa de dh' àite beag a-mach an taca ris an t-sabhal agus tha e coltach gu robh sgaran mór air an àite, gu robh an t-àite glé—glé fhosgailte agus thuirt fear—duine òg a chaidh a-staigh còmhla ri Diarmad airson an t-each a chur 'san àite seo, bha e duilich nach robh àite math [?]. "'S e àite bochd," ars' esan, "a th' agam de 'n each agad, a Dhiarmaid."
"A", ars' esan, Diarmad, "coma leat. Tha e taghta. Comadh e gun teicheadh e."