Diarmaid agus am Mulan Feòir
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF154i21 DIARMAID AGUS AM MULAN FEÒIR
Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil
[Joe Neil MacNeil:] 'S e a bha—tha naidheachd eile agam an seo air Diarmaid Eóghainn. Bha mulan feòir aig a bhràthair-céile agus 's ann a' shìos air a' mhachair a bha 'm mulan agus null anmoch deireadh an fhoghair thàinig stoirm agus chuir i fior-char dona null 'sa mhulan. Agus bha eagal air muinntir na nàbachd gum faodadh e 'm mulan a chall. Ré a' gheamhraidh gun tigeadh stoirm mhór a leigeadh 'm mulan agus rachadh e a dhìth. 'S ann a rachadh 'ad 'ga chuideachadh. Agus, o daoine òga làidir a bha mu'n cuairt, fhuair 'ad maidean caol is chuir iad suas an tacs' a' mhulain iad. Chuir iad air n-ais e cho dìreach 's a ghabhadh e chur ach aig an àm cha robh e furasd' a dhìreachadh ceart co-dhiù ach chuir 'ad suas cho math 's a b' urrainn dhaibh agus chuir 'ad cuid mhór de mhaidean caol suas 'na thacsa. Agus cha robh Diarmaid ach còmhla ris—ris na daoin' òg ach cha robh e dèanamh car co-dhiù ach bha iad toilichte a bhith ann 'son rudan neònach a chantail agus nuair a bha iad réidh dha 'n obair, dh'fhoighneachd 'ad de Dhiarmaid ciamar a bha e coimhead. Agus ghabh Diarmaid mu'n cuairt. Chaidh e mór thimchioll air a' mhulan feòir a' coimhead air is nuair a stad e roimh na gillean thuirt e, "O," ars' esan, "tha e coimhead coltach ris a' bhodach a tha 'san [almanaich?].
Notes (fieldnotes):
Source: Diarmaid Eòin 'ic Iain 'ic Alasdair (MacCoinnich).