Ged a b' e giuthas a bhiodh innte
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF154i20 GED A B' E GIUTHAS A BHIODH INNTE
Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil
[Joe Neil MacNeil:] Latha eile bha e fhéin 's a bhràthair-céile a-muigh is, 'muigh 'sa choillidh agus b' e gu dé fiodh a bha 'ad a' gearradh ach co-dhiù nuair a bha 'ad a' tighinn dhachaigh air feasgar sònraichte, chunnaic esan cearc-thomain dhiubh a's a' chraoibh agus shiubhail e sìos ann an—ann an glacan air choiregin. Bha ma dh'fhaoidte gur e bun sruith an àite is fhuair e meallagan de chloich—chlachan airson an [ceangail?] air a' chearc-thomain. Thiurt a' fear eile ris, "Coma leat dhi, a Dhiarmaid. Leig dheth. Chan eil feum innte. Chan eil i—chan eil ann co-dhiù ach cearc-sprùis."
"A-nist, Iain," ars' esan, "Coma leat. Tha mise—tha mise dol 'ga marbhadh ged a b' e giuthas a bhiodh innte."