Cuimhnich gun tig an t-acras barrachd air aon uair
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF154i16 CUIMHNICH GUN TIG AN T-ACRAS BARRACHD AIR AON UAIR
Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil
[Joe Neil MacNeil:] Bha fear eile shìos aig—'còmhnuidh shìos faisg air an àite far an robh mi fuireach, fear Dòmhnall Mac'IllFhaolain, mac Mhìcheil Eóghainn 'ac Coinneach Phàdraig agus bha gnàth-fhacal aige fhéin. Nan deanadh tu fàbhar sam bith ris, nan dèan—nan sealladh tu coibhneas na nan dèanadh tu sin dha agus nam biodh e 'son do phàigheadh 's dh'abhradh tu ris nach robh pàigheadh uat idir, nach robh thu 'g iarraidh pàigheadh idir airson rud a rinn thu no na thug thu dha. Agus chanadh e, "Coma leat dheth sin. Cuimhnich gun tig an t-acras barrachd air aon uair. Ma dh'fhaoidte gum bi feum agam ort fhathast."
Notes (fieldnotes):
Source: Dòmhnall Mac'IllFhialain [Donald MacLellan].