Có chunnaic no chual' e?
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF154i15 CÓ CHUNNAIC NO CHUAL' E?
Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil
Bha bràthair aig Dòmhnall Mac a' Phì seo, Mìcheal, Mìcheal Nìll Dhòmhnaill. Bha e 'na chunntais air cheana air fear dhe na seann-fhìdhlearan. Nuair a bhite bruidhinn air feadhainn ma dh'fhaoidte nach robh cho seòlta ri iomadh aon 's dhèanadh 'ad rudan a bhiodh car mì-dhòigheil. Bu chòir barrachd tùr no toinisg a bhith annta a's an robh—a's a dhèanadh 'ad. Agus nan canadh cuideigin, "Nach biodh tùr a bh' ann no nach biodh tùr a bh' innte," nuair a rinn iad a' leithid de rud no nuair a rinn esan a' leithid de rud. Agus chanadh esan, "O bruidhinn air tùr na té sin no bruidhinn air tùr an fhir sin. Mar a theireadh 'ad: Tha e cho [?] an t-sionnaich. Cò chunna no chual' e?"
Notes (fieldnotes):
Source: Mìcheal Nìll Dhòmhnaill Mac a' Phì [Michael Neil Donald MacPhee].