Sgoil-Dhubh
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF148i04 SGOIL-DHUBH
Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil
[John Shaw:] Dé bha 'ad a' gràidhinn? [BREAK IN TAPE]
[Joe Neil MacNeil:] Bha e coltach nam bi—neach aig gu robh sgoil dhubh, gu rachadh aca rudan sònraichte 'dhèanamh. Agus bhiodh barrachd fiosrachaidh aca ma dh'fhaoidte is rachadh aca rudan innseas, rudan a chur air, air bonn. Ach tha mi 'n dùil gu robh cuid mhór dhe sin, gu robh e dìreach ann an inntinn nan daoine gu robh an t-eagal orra roimhe. Mar a bha an sgeul—naidheachd bheag a fhuair mi bho chionn fada air na frith-bhuachaillean agus gillean na sgoil'.
[JS:] Sheadh.
[JNMN:] Agus bha gillean na sgoil', là tàimh, tha mi cinnteach gur e DiSathuirn' a bhiodh ann, bha 'ad a' dol a dhol a thrusadh neadan, a chreachadh neadan a dh'fhalbh ás—air turas bha 'ad a' dol gu eilean. Agus bha frith-bhuachaillean, mar a bheir 'ad 's a' Bheurla gamekeepers, bha 'ad ann agus 's e Sasunnaich a bh' unnta, a's an fheadhainn seo. Agus bha seanchas man cuairt gu robh sgoil-dhubh aca.
[JS:] Hm-hmm.
[JNMN:] Agus gum biodh fios aca an taobh a-staigh do cheithir [òirle?] fichead có a ghlacadh eòin na sìon.
[JS:] Sheadh.
[JNMN:] Agus thuirt a' fear a bha 'dèanamh na naidheachd ach mar a bha na gillean, bha 'ad coimhead—bha 'ad coma sgoil-dhubh no gheal agus 's ann dubh a bha h-uile sgoil leothasan a thaobh gu robh aca ri bhith 'dol ann.
[JS:] Sheadh.
[JNMN:] Ach sin mar a bha cuid mhór dhen, tha mi 'n dùil, dhen sgoil-dhubh. Bha 'ad, bha feadhainn a' géilleachdainn cho làidir dhaibh agus gu robh 'ad a' cur gnothach fairis orra. Ach chan eil teagamh agam nach robh rudan ann mar a chaidh aca ri dhèanamh a bha car neònach. Tha e doirbh. Tha mi cinnteach, tha mi cinnteach gura h-e cumhachd an dorchadais a bh' aca anns a' sgoil-dhubh gur e sin an t-adhbhar ris an tugadh a' sgoil-dhubh oirre. Gura h-e seòrsa do chumhachd an dorchadais a bhiodh aca.
[JS:] Seadh.
[JNMN:] Agus air a thàilleibh sin, cha bhiodh móran earbs' [?] thu do chur gu dé dh'fhaodadh tachairt.
[JS:] Seadh.
[JNMN:] Agus sin mar a bha mo bharail-sa air a' sgoil-dhubh.