Back to recordings

Snàth-Bhuidseachd (le beul-oideas)

0:00
0:00 Download MP3

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF147i04 SNÀTH-BHUIDSEACHD (LE BEUL-OIDEAS)


Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil



[Joe Neil MacNeil:] —chloinn dhe mhuinntir Chloinn 'Ill'Eathainn co-dhiù. 'S e Mìcheal Mac'Ill'Eathainn, fear dha 'n a dh'innis—dha 'n a bha 'g innse na naidheachd, ach chan e a' chiad fhear aig an cuala mi a' bruidhinn air a' seo ach cha robh aigesan ach naidheachd na beaga na bu ghiorra. A bheil i a' [?].


[John Shaw:] Tha.


[JNMN:] 'S e fear Eachann Mac—MacNìll a chuala mi bhruidhinn air a' seo an toiseach. Seo fear nach do dh'ainmich mi fhathast anns an t-seanchas na bha uimhir de sheanchas, fear Eachann Aonghas Phosta. Bha athair ri postadh, giùlan postachd tarsainn an dùthaich. Agus 's e Aonghas Posta thug iad mar ainm air. Agus 's e mhac Eachainn a chuala mi 'g innse na naidheachd. Agus chuala mi 'n naidheachd a bha seo aig—rithist aig feadhainn a bha càirdeach dha 'n fheadhainn—an fheadhainn a bha a's an naidheachd aigesan agus tha mi cinnteach gur ris cho—mar a fhreagair an naidheachd air a chéile, gu' bhuineadh an naidheachd aig Mac'Ill'Eathainn. 'S ann aig' a chuala mi ri—an dàrna h-uair i. Agus bho na dh'ainmich mi MacNìll bhuineadh an naidheachd Mhic'Ill'Eathainn innse, bha i co-ionnan ris an naidheachd aig MacNìll ach gu robh beagan a' bharrachd innte. Ach na thuirt MacNìll bha i air an aon—an aon réir.
Bha feadhainn thall a's an t-seann-dùthaich an Albainn agus bha 'ad a' seòladh, a' dol gu margadh. Tha mi cinnteach gur ann a' dol a Ghlaschu a bha 'ad. Agus 's e—bhuineadh 'ad do, do Mhac'Ill'Eathainn. Bha 'ad duinealas do, do Chalum Ghobha agus aithneach do Lachlann Gobhann co-dhiù no dheth sin bha e duinealas dhaibh co-dhiù. Agus thàinig fèath orra agus thàinig iad a-staigh ann a', ann an cala. Thàinig iad a-staigh gu fearann agus chaidh 'ad suas gu bothan de thaigh agus bha seann-duine is seann-bhean anns a' bhothan a bha seo. Agus dh'fhoighneachd an seann-fhear dhe 'n fhear seo a' robh gin—an robh gin dhe d' theaghlach a's an arm? "Bha," ars' esan. Agus tha mi smaoin gun tuirt e gun deachaidh dithist dhe mhic a chaidh an call a's an arm a mharbhadh air neo aon fhear dhiubh co-dhiù. Ma dh'fhaoidte nach deachaidh ann ach dithist, gun deach a' fear dhiubh a mharbhadh. Thuirt e co-dhiù nach eil truagh—nach truagh a' chùis. "Am biodh tu a' tighinn a' seo ma 'n do dh'fhalbh 'ad?" Agus gum biodh 'ad air an seunadh.


[JS:] Hm-hmm.


[JNMN:] Agus dh'fhoighneachd an t-seann-té dhaibh mu dheoghainn tombaca. Tha mi smaointinn gur e 'n tombaca agus tì. 'S bha beagan ac' air bòrd. Agus thuirt 'ad gu robh sin aca, beagan aca, thug 'ad leò airson an [tuaraist?]. Agus chaidh fear aca dh'ionnsaigh a' bhàt' agus thug e nuas an tombaca agus an tì a bha seo agus thug e sin dha 'n t-seann-bhoireannach. Agus "Seo," ars' esan, "Cumaibh sibh-p fhéin seo," ars' esan, "Tha againne na nì 'n gnothach. Agus," thuirt esan, "Feuchaidh sinn ri tadhail oirbh nuair a bhios sinn a' tilleadh. Agus feuch, ma dh'fhaoidt'," ars' esan, "Gum biodh beag—cùisean beagan na 's fheàrr."
Ó bha i fuathasach taingeil. Agus nuair a bha 'ad a' falbh, thàinig e nall agus snàithlean aice agus trì snaidhmeannan air. Agus, "Seo," ars' ise, "A dhuine chòir, thoir leat a' snaidhm seo," ars' ise, "Is nuair a gheobh sibh am bàta a-mach, cuidhteas a' fearainn, fuasgail snaoim far na sreanga seo. Agus seòlaidh sibh air adhart," ars' ise, "Is nuair a gheobh sibh a-mach," ars' ise, "Gu math, faodaidh tu," ars' ise, "Snaoim eile fhuasgladh. Ach," ars' ise, "Na fuasgail an treas snaoim idir, idir," ars' ise, "Cùmhnant nach fhuasgail an treas snaoim."
Dh'fhalbh 'ad is ó cha robh 'ad—fhuair 'ad am bàt'-iomair a-mach is dh'fhuasgail e snaoim 's thàinig, ó thàinig—fiamh—thàinig o thàinig [ial air laot?] de shoirbheas, soirbheas a bha làidir gu leòr airson am bàta a chumail aig, aig an sgoth a chumail aig astar cuimseach. Ó bha, nuair a fhuair 'ad a-mach aig—gu math smaoinich e gu' feuchadh 'ad snaoim eile fhuasgladh 's thàinig soirbheas gu math an uair sin, soirbheas làidir agus bha e réidh, cha robh e tighinn a-staigh [...?] nach [?] a' tighinn co-réidh.
Ach co-dhiù, sheòl 'ad, sheòl 'ad air 'n aghaidh agus air a bha 'ad gus a bhith 'staigh aig an fhearann, aig cala, dh'fhuasgail e an treas snaoim is thilg e 'mach a's an adhair [a bhuileach?] mu dh'fhuasgail. Thàinig a' stoirm is chaidh 'ad gu cala. Fhuair 'ad a-staigh sàbhailte ged a' cladach astar goirid bho thìr. Fhuair 'ad a-staigh sàbhailte co-dhiù. Agus chaidh 'ad suas gu margadh 's cheannaich 'ad na bha, nithean, a bha dhìth orra 's nuair a bha 'ad a tilleadh, thadhail 'ad an taigh—'san taigh [?] a bha seo a choimhead air, air an t-seann-fhear 's air a bhean. Agus air a chaidh 'ad suas, creid gu robh tì is tombac' aca 's rudan thuca. Agus "Tha sibh air tilleadh," ars' ise.
"Tha," ars' esan.
"Tha," ars' ise, "Cha mhór gun do thill sibh," ars' ise, "Theab," ars' ise, "Nach do thill sibh."
Agus "Seadh," ars' esan.
"Tha," ars' ise, "Cha do rinn thusa mar dh'iarr mi ort."
"Ó chan eil fhios a'm," ars' esan.
"Ó," ars' ise, "Tha fios agamsa nach do rinn." Thàinig i nall. "Seall," ars' ise, "Thug thu an trìtheamh snaoim far an t-snàth agus thug thu [tàille?] dhomhs'," ars' ise, "A' feuchainn ri, ri an gnothach a thilleadh agus fhuair sibh sàbhailte gu cala co-dhiù," ars' ise. [?] Tha e coltach gu robh buidseachd a's an t-snàth a bha, a bha glé neònach.
Agus sin an naidheachd. 'S fhuair mi an naidheachd sin bho Mhìcheal Mac'Ill'Eathain agus bha e fhéin 'ga [?]. 'S e, 's e cuideachd—[bha e 'sa?] chuideachd a bh' ann air taobh athar. Agus bha 'ad cho càirdeach dha ma dh'fhaoidte ri bràithrean na sheanar na feadhainn dhiubh sin. Agus bha e, bha i co-ionnan ris an naidheachd a bh' aig MacNìll ach nach do dh'innis MacNìll uimhir ma dhéidhinn. Bha beagan a' bharrachd aig Mac'Ill'Eathain innte.


[JS:] Bha.


[JNMN:] Bha. Sin mar a bh' ann an naidheachd air an t-snàth a's a' robh a bhuidseachd.

Notes (fieldnotes):
Source: Eachann MacNìll

Team notes:
The placename Glasgow is mentioned in this track.

Joe Neil MacNeil
An Rubha Meadhanach | Middle Cape 583 recordings Faic pròifil | view profile