Bodaich-Sìthich
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF147i03 BODAICH-SÌTHICH
Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil
Bha—bhiodh 'ad a' seanchas ás, an t-seanchas a bh' aca mu dheidhinn nuair a bhiodh na sìthichean a' goid nan leanaban agus a bhiodh 'ad a' cur na bodaich sìthich 'na àite. Bhiodh 'ad ag innse na naidheachdan a bha sin dha chéile. Chuala mi 'ad a' bruidhinn air tric. Agus bha aon naidheachd aca air leanabh agus bha—sheinneadh am—sheinneadh a' boireannach òran. Sheinneadh i rann ann an ceòl a bha uabhasach bòidheach mu dheidhinn—mu—'s e, ma 's fhìor a bh' ann, sìthich a rinn e, an duanag a bha seo mu dheidhinn a leanaibh. Ach chan eil guth dheth agam. Chan eil—ach gu robh anns an—ann an—ann an—gu robh pàirt dheth ann co-dhiù mu chnàimh an creag. Bha sin a bhiodh—'s e na bh' ann sìthe bhith còmhnaidh ann an creige a-réir sin. Agus bha rudeigin eile ann timchioll air an t-seanchas mar luachair-bhog. Agus thuirt i ma dheoghainn an leanabh mar bheir am boinne bh' oirre chrois gun togamaid leinn thu. Sin na bheil cuimhn' agam air a chluinntinn a's a—air a [?] sin.
Reference sources:
Gaelic Words and Expressions from South Uist and Eriskay, Allan McDonald (1958), p. 45