Back to recordings
Ùrnaigh do Chaoraich
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF146i09 ÙRNAIGH DO CHAORAICH
Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil
Ó bha na h-uidhir de ghnothach—dhen fheadhainn a th' ann eadar leigheasan is gnàth-fhacal 's a h-uile sian bh 'ad dèanamh aig am chuimhne dìreach aig an àm seo fhéin. 'S ann tha mi cinnteach gur e a bhith bruidhinn air leigheas bho [chròtha?] na' caorach a thog am chuimhne. Nuair a bhiodh 'ad a' rùsgadh nan caorach 's gu' leigeadh a-mach dha 'n bheinn, rachadh a chantail, "Thalla lom 's thig molach le d' uan boireann Bealltainn."