Back to recordings

Leigheas: Todhar nan Caorach

0:00
0:00 Download MP3

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF146i08 LEIGHEAS: TODHAR NAN CAORACH


Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil



Bha fear a' faighneachd dhiom mu dheaghainn leigheasan a bhiodh aca 'san t-seann aimsir, air diofar galairean agus, eadar cnatan is fiabhras, nithean mar sin. Is bha leigheas aca, faothachadh ac' air fiabhras co-dhiù, nuair a bhiodh, duine bha dona leis a' ghriùthraich, agus 's e todhar chaorach a chuireadh 'ad ann an anart, cheangladh 'ad suas e ann an anart, agus bha 'ad ga chuir sin ann an uiste goileach, uisg' a bhiodh air ghoil, is tha mi cinnteach gum fàgadh 'ad tacan beag ann gus an tigeadh cuid dhe 'n t-sùgh ás. Agus bha 'ad ag òl an t-sùgh a bha sin. 'S bha e coltach gun toireadh e furtachd dhaibh nuair a bha a' ghriùthrach orra, ma dh' fhaoidte gun tugadh e aobhar, gun tigeadh a' ghriùthrach a-mach rompha. Ach tha mi 'n dùil nach biodh e glé bhlasta. Chan e nach tuirt fear a bha thall ás an dùthaich againn fhín, 's 'ad, bhiodh 'ad ag innse naidheachdan mu dheidhinn seo, is 'ad a' gàireachdaich, 's chanadh a' fear, gun d' thuirt a' fear seo bha an deaghaidh seo òl 's a' ghrìuthrach air, "Gu dearra fhéin," os esan, "fhuair mi fhín an deoch as an robh an t-slàinte."


Joe Neil MacNeil
An Rubha Meadhanach | Middle Cape 583 recordings Faic pròifil | view profile