Na Trì Piseagan Ruadha
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF146i02 NA TRÌ PISEAGAN RUADHA
Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil
Nuair a bhitheamaid còmhla 's bhiodh seanchas a' dol air 'n aghaidh, bhiodh grathann aca 's am measg cuideachd agus bha Murchadh MacUaraig tric 'nar cuideachd agus 's iomadh uair a thuirt e nuair a bhiodh gnothach ann a bhiodh freagarrach air rud a bha—a thachair no bha gu tachairt, chanadh e, "Ó mar a thuirt na trì piseagan ruadha nuair a bhiodh am fear eile a' cur ['ad?] air falach: Chan ann far an do dh'fhàg thu e a gheibh thu e." Agus sin mar a bha—a chuala mi aig MacUaraig. Cha chuala mi sgeulachd a bh' air idir ach bha anns a' sgeulachd bha—ma dheidhinn nan trì piseagan ruadh gu b' e gu dé bha tachairt, [...?] nuair a bha—no có bha cur gnothaichean a falach. Bha na trì piseagan ruadh 'ga chantail seo ris agus bu toigh leam a bhith air a' sgeulachd sin a chluinntinn. Ma dh'fhaoidte nach robh e cho doirbh 's nach [cuirinn?] cuimhn' oirre ach cha d' fhuair mi i co-dhiù.
Notes (fieldnotes):
Fragment. Source: Murchadh MacUaraig (mac bràthar do Ghilleasbuig MacUaraig) [Murdoch Kennedy (nephew of Archibald Kennedy)].