Back to recordings

Fàgail na Caillich (le òran)

0:00
0:00 Download MP3

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF144i05_145i01 FÀGAIL NA CAILLICH


Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil


[Joe Neil MacNeil:] Bha an uair sin, an àm na buana, a' cur crìoch air a' bhuan 's a' leithid, bha rud ris an canadh 'ad "Fàgail na Caillich" aca. Cha chreid mi gu robh móran seagh aca gum biodh 'ad, gu robh na daoine, an fheadhainn a rinn—a' smaointinn gur 'ad fhéin bu—a b' fheàrr, gu robh 'ad na bu, na bu dìcheallaiche na na bu luaithe na ge b' e ciamar a chuireadh 'ad e agus ma bha 'ad ré air thòiseach air, air an, air an coimhearsnachd, dh'fhàgadh 'ad a' chailleach aice 's e chuid mu dheireadh dhan bhuan. Bha [?] 'ad uairean. Dhèanadh 'ad, chuireadh 'ad aodach air maide mar gum biodh buachaille-[bréigeadh?] na bodach-ròcais ma thogras sibh. Agus bhiodh e 'dèanamh, bhiodh e 'dèanamh aimhreit 'na measg.


[John Shaw:] Hm-hmm.


[JNMN:] Cha dhèanadh e aimhreit 'na measg cuideachd. Agus thall a's a' cheàrn againn fhìn, rinn 'ad aimhreit. Chuir ann ged air fear òran a dhèanamh air sàilleabh, air sàilleabh na cailleach fhàgail aca.


[JS:] Seadh.


[JNMN:] Bha 'ad—eil sibh 'dol 'ga—thuirt fear a' chlàr—[BREAK IN TAPE] dheth na bhith 'fàgail na cailleach aige. Bha seann-duine 'g innse dhomh sgeul turas mu dheoghainn nuair a bha 'ad a' fàgail na caillich agus bha duine a' sin 'san àite a bha gu math aimseach. Cha robh e ri móran earbsa riù 's e 's nach fhaodadh e bàrdachd a dhèanamh nuair a thogradh e. Agus bha càch, tha mi cinnteach airson, ma dh'fhaoidte nach robh 'ad ach airson tarraing às, ach bha, 's e tàmailt a bh' ann mar a rinn 'ad. Agus gu dé rinn 'ad ach nuair a bha 'ad réidh dhan bhuain rud, sgath a chur suas anns a' phàirce aig oisein na h-achadh aigesan mar gum biodh buachaille-[bréigeadh?], na bodach-ròcais. 'S e maide—stob a chur 'ad suas do mhaide agus còmhdach boireannaich air a chur air agus, tha mi cinnteach, ceann-aodach boireannaich 's bha e ann mar gum biodh ann an leth-riochd boireannaich. Agus bha an gnothach cho, cho suarach a dhèanamh leis-san, agus bha e fhéin cho deiseil mar a thuirt mi airson bàrdachd a dhèanamh agus cha chreid nach biodh i math ma tha rud dona a dhèanamh. Ó cha robh—cha d' rinn e an taghadh idir dhan rud a bh' ann. Agus bha seanmhair 'na cuideachd seo. Bha i 'fuireach còmhla riù, seann chailleach chòir. Bha i 'fuireach còmhnaidh a-staigh aca. Agus rinn—thòisich esan air òran agus thuirt e:


[Séist:] Thug hoireann an, ho ì obh ò,
Cha téid mi leam fhìn dhan mhòineadh,
Thug hoireann an, ho ì obh ò.


An àm dhuibh crìochnachadh na buana,
'S ann a dhùisg sibh suas dhan t-òran.


Chuir sibh stob á màs na caillich,
Bhios naire leis air a' fad speal sibh.


'S ged nach robh ann ach ur seanmhair,
'S bochd a seanchas dhùisg sibh dhomhsa.


Sin a chuala mi air 's tha mi cinnteach gu robh gu leòr trì cheathramhan air a' rann sin fhéin. Agus bha e cunnartach do dhuine aig amannan rud a dhèanamh air fear a bha deiseil airson beagan do bhàrdachd a dhèanamh. Cha bhiodh fios gu dé dh'fhaodadh e dhèanamh agus bha e 'dol a dhol pìos astar rachadh e air feadh na dùthcha gu rud a chaidh e chantail.


[JS:] Bha.


[JNMN:] Agus 's e bhith modhail a bha riatanach dhaibh.


Joe Neil MacNeil
An Rubha Meadhanach | Middle Cape 583 recordings Faic pròifil | view profile