Back to recordings
A Falbh air an t-Sluaigh
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF144i03 A' FALBH AIR AN T-SLUAGH
Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil
Agus a-measg a h-uile rud a bhiodh 'ad a' seanchas air, bhiodh 'ad a' bruidhinn air fear a chunnaic 'ad shìos. Bha e shìos ma dh' fhaoidte aig—aig iomall na h-innis no iomall na h-achadh agus air an ath-shùïl a thug 'ad bha e thall ann an—air an taobh eil' an fhearainn 's chanadh 'ad, "Och an e sluagh a tha togail Ruairi no Mìcheal no ge b' ainm a bhiodh air. Bha e thall aig bonn na bruaich no thall aig oir na h-innis nuair a chunnaic mi e o chionn tacan agus tha e 'n dràst' sìos aig taobh eile—shìos aig taobh eile a' bhruaich no taobh eil' a' ghlinn." Leis cho luath 's a chaidh e dha na h-àiteachan sin.