Back to recordings

Bhogha-Frois, Bhogha-Frois

0:00
0:00 Download MP3

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF134i12 BHOGHA-FROIS, BHOGHA-FROIS


Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil



Tha rann aca air a—mu dhéidhinn a' bhogha-frois'. Agus 's ann—'s ann aig fear Iain MacNìll, mac do Dhòmhnall Dhòmhnaill 'ic Iain 'ic Iain. 'S e—'s e Dòmhnall Mór Nìll Mhòir a bheireadh iad ri athair air sàilleibh gun chaochail—gun do chaochail Dòmhnall mac Iain 'ic Iain nuair a bha—nuair a bha Dòmhnall a' seo—nuair a bha Dòmhnall Dhòmhnaill 'na dhuin' òg. Agus air a shàilleibh sin 's e Dòmhnall Mór Nìll Mhòir a bhiodh aca air. Ach co-dhiù 's ann aig I—a mhac-san, Iain a chuala mi 'n rann a bha seo mu dhéidhinn a' bhogha-frois'. 'S e nuair a chitheadh tu bogha-frois' gu h-àrd, chanadh -- ma b' fhìor, nuair a bhruidhinn 'ad ris a' bhogha-froise a chanadh tu, “A bhogha-frois', a bhogha-frois', tàir ás, tàir ás.Tha d' athair 's do mhàthair aig a' chroich 's crochar 'ad mu ruig thu." 'S math b' fhìor gun do dh'fhalbh am bogha-frois' á sealladh nuair a chuala e seo.


Notes (fieldnotes):
Source: Iain MacNìll.

Joe Neil MacNeil
An Rubha Meadhanach | Middle Cape 583 recordings Faic pròifil | view profile