Sgeulachd a' Gheòidh Òir
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF134i11 SGEULACHD A' GHEÒIDH ÒIR
Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil
Tar-Sgrìobhadh: Frolig aig a' Pheutan
Tha bloigh do sgeulachd agam a chuala mi aig Eachann Mac'IlleMhaoil, agus 's e sgeulachd far a' robh ainmeachas air gèadh òir. Bha triùir bhràithrean ann a-réir na sgeulachd agus chan urrainn dhomhsa cuimhneachadh air dé mar a thachair ach gun d' fhuair a' fear a b' òige dhe na bràithrean gèadh òir, òir. Ach co-dhiù, agus mar dhuais airson coibhneas a-nochd ann an àitichean. Agus thadhal e ann an taigh duine cuimseach urramach. Agus bha dithis nigheanan eireachdail aige—an duine bha seo. Agus bha an gèadh òir a bha seo aig a' bhalach, 'ga ghiùlain leis. Ach 's e gèadh òir car neònach a bh' ann, bha mar gum b' eadh geasachd no buidseach mu thimcheall sin, duine sam bith a chuireadh a làmh air ach a' mhaighstir, leanadh 'ad ris. Cha bhiodh dòigh air a faighinn cuidhteas e.
Agus bha, nuair a chunnaic 'ad an gille 'falbh 'sa mhadainn leis a' ghèadh òir, 's ann a smaointich té [dhe na—'s e do dh'ite?] na gheòidh aice airson a chuir 'san àite gum biodh sin sònraichte, nach biodh a leithid ann 's an dùthaich gu léir. Agus ruith i a-mach agus rug i air ite ás a' ghèadh 's i dol 'ga spìonadh. Agus lean i ris a' ghèadh. 'S chum esan roimhe, cha do stad e idir.
Ach co-dhiù, chunnaic an téile mar a thachair agus ruith i sìos feuch a' faigheadh i piuthar a theasraigeadh, shàbhaladh bho 'n ghnothach a bh' ann. Agus air a rug i oirre, nach ann a lean i ris an téile agus bha esan a' coiseachd sìos an t-sràid, agus an gèadh òir fo achlais 's an dithis aca 'leantail ris, ris a' ghèadh. Agus co-dhiù, chunnaic e sin, chunnaic e an cléireach ud, cléireach eaglais ud dol sìos agus 's ann a dh'fheuchadh e ri, ris an duine a bha 'giùlain a' gheòidh a theasraigeadh agus nuair a chaidh e fhéin sìos, rug e air cuideigin ach lean e ris neach a bha sin. Agus thàinig a' sin am pears' eaglais agus chunnaic e mar a bha an gnothach a' dol. Agus bha e 'dol 'ga—'dol réiteachadh a' ghnothaich ach nuair a rug e fhéin air a' chléireach, lean e fhéin leis a' chuideachd a bh' ann.
Nist a's a' cheàrnaidh seo, bha Rìgh. Agus bha nighean aige, nighean àlainn, nighean uabhasach mòr-maiseach. Ach cha do rinn i gàire riamh. Agus mhòidich a' rìgh leis cho duilich 's a bha e ma déidhinn, nach tugadh e gu bràth i ri pòsadh do dhuin', ach fear a bheireadh oirre gàir' a dhèanamh. Agus bha i aige uinneag an t-seòmbair a' coimhead a-mach air an uinneag nuair a chunnaic i an t-òganach a bha seo, a' tighinn a-nuas. Agus tha mi cinnteach nach robh e coimhead ach dha luideag ach nach eil fhios nach chlò ann an éideadh glé fhasanta nuair a chunnaic i na bha 'ga leantail rinn i [sgoch?] gàire. Agus chual' a' Rìgh agus neo-ar-thaing nach tug sin mór-thoileachadh dhan Rìgh. Agus chaidh stad a chur air an fheadhainn a bha, a bha caiseamachd a-nuas an rathaid co-dhiù. Ach a-niste bha fear sin a' dol a dh'fhaighinn nighinn a' Rìgh ach bha cùmhnantan ri bhith ann tha mi cinnteach gu do dh'iarr nighean a' rìgh gnothaichean ri bhith air a dhèanamh agus chan eil cuimhn' agamsa dòigheil air gu dé na cùmhnant a bh' ann 's air shàilleibh nach eil na cùmhnantan agam réidh. Tha mi dol a' leigeadh le mar seo fhéin dh'fhaoidte ach gu 'eil cuimhn' agam air an uimhir seo dhen sgeulachd a chuala mi aig Eachann Mac'IlleMhaoil.
Notes (fieldnotes):
Source: Eachann Mac'IlleMhaoil.