Na nàraich mi 's na sàraich mi
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF134i09 NA NÀRAICH MI 'S NA SÀRAICH MI
Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil
Seadh, ’s a bhith bruidhinn air, air seanfhacal no gnàth-fhacal a bh’ aig Mìcheal Mac'Illeain, mo nàbaidh, duine còir (Mìcheal Iain Chaluim Òig ’ic Iain ’ic Lachlainn). ’S bhiodh esan ag ràdh rium mu dhéidhinn an seanfhacal.
Dh'fhoighneachadh e "An cuala tu seo riamh, Eòs? Na nàraich mi ’s na sàraich mi ’s na ghoirtich mi agus an uair as fheàrr a’ spòrs ’s ann as còir stad.”
Agus tha mi ’n dùil gu robh e gu math toinisgeil as na briathran na bha sinn fhéin, duine a rachadh gu grunnd nam briathran sin ’s a dh’fhalbh air an réir, tha mi smaointinn gu robh 'ad math dha-rìribh.
Tha mi creidsinn gu robh móran seòltach anns na briathran a bha sin agus dha h-àraid mu dhéidhinn a’ spòrs. Tha fios againn an fheadhainn a bh’ againne a fhuair cuid de spòrs agus de thoileachadh gur ann mar as fheàrr a’ spòrs còrr is sguir, a chionn mar a thug mise fo near ann 'nam bheachdnachadh nuair a bhiodh fearas-chuideachd againn, ceòl no gu b’ e dé a bhiodh ann, mura a sguireamaid spòrs math, cha bhiodh cuimhneachan math againn, toilicht' againn, air mar a chaidh cùisean. Agus tha mi cinnteach gur e ann do bhrìgh sin a thàinig an seanfhacal bho dhuine còir, seòltach a bha ann ann an ceàrna, ‘s cinnteach an ceàrna de dh’Albainn a bha e, uair dhe 'n t-saoghail.
Notes (fieldnotes):
Source: Mìcheal Mac'Illeain.