Òran an Iasgaich
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF134i02 ÒRAN AN IASGAICH
Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil
Bàrd: Eòs Iain Peigi Ailein | Joseph MacKinnon
Tha mi 'dol ag aithris ceathramhan do dh' òran. Cha seinn mi òran idir ach théid agam air na briathran aithris.
Seo òran a rinn Eòsaph MacFhionghain, Eòs Iain Peigi Ailein. Bha e fhéin agus Peadar a bhràthar, agus Dòmhnall Mac a' Phì—mac Mhìcheil Nìll Dhòmhnaill— a' dol a-mach a dh' iasgach agus tha an t-òran fhéin ag innse a' chórr dhe 'n naidheachd ach 's ann aig àite shìos ris an abradh 'ad "Caolas Naoimh Anndrais". 'S ann car mar—ann a bha MacFhionghain a' seo aig an àm. Ach 's e Beinn Eòin a bheirte ris an àite as a robh am post office air an taobh agus am Pòn Mór aig an taobh eile ach leis an astar a bhith eadarra, roghainnich 'ad post oifig a chur lethach an astar agus 's e Caolas Naoimh Anndrais a' seòladh a bh' air.
Ach co dhiubh, cha ruig mi leas an córr ag ràdh mu dheoghainn, innsidh an t-òran fhéin as an naidheachd an córr. 'S ann air an t-séisd:
[Séist]: Hao lì ho leò
Hog i o, mo ghaol a' chruinneag,
Hao lì ho leò
'S ann [dà?] sheachdain ro Féill Anndrais
Ghabh sinn sannd air a' linnidh
Thàinig Danny leis a' bhiathadh
'S thuirt e rium "Tha an t-iasg air [bhidse/bhiora?]"
Rinn MacArtair bonnach gàbhaidh
'S chuir Peadar plàstair ri mhionach
'S thuirt e riumsa "Ith an córr dheth,
'S na bi ri sòradh an ime"
Chaidh am bàta bàn air fuaradh
'S duanag aig a h-uile duine
Greis air an seanchas, greis air stòiridh
Is greis air còmhraidhean nan curraidh
Ag innse mu na daoine làidir
'S na h-airmean a bh' ann an uiridh
'S dh' iomradh sìos gu [sluice?] Beinn Eòin i
'S dh' fhàs an fhairge mallachd, biorach
Dhubhaich an cuan dubh is na speuran
'S thoisich an eubhach 's a' [ghiorag?]
'S thoisich gach fear pòsda a' ràinich
Mu 'n té dh' fhàg e taobh an teine
'S ma theid mis' a- nochd dha 'n t-sìorrachd
Gu dé feum a nì iasg dhe m' chruinneig?
'S thuirt mi fhìn riuth': "Quit your bawling,
I'll make sure in a minute"
'S dh'iomair mise a-steach gu beinn i
Agus dh' fhàg mi ann a' sin i.
Sin agaibh an t-òran agus gheibh sibh gu bheil stad beag eadar a h-uile roinn. Cha do dh' aithris mi a' séisd ach an aon turas, agus shin agaibh an t-òran agus mise Eòsa MacNìll a bha ag aithris nam briathran, agus o cha dean mi òran a sheinn idir.