Mas Beò Brian
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF133i02 MAS BEÒ BRIAN
Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil
'S e Seumas Mac a’ Ghobha a dh’inns, aig a cuala mi sgeulachd air an t-seirbheiseach dhìleas, dhìcheallach. ’S e bha ’g innse na naidheachd a bha seo. Agus ’s e sgeulachd a chuala e fhéin aig Gilleasbuig MacUalraig a bh’ ann. Agus chan eil cuimhn’ am oirre air tòiseach no air na mar a bha i dol.
Ach co-dhiù gur e an t-ainm a bh’ air an fhear seo [Ma 's e?] Beò Brian. Agus eadar gach siùbhal is falbh is gnothaichean mar a bha dol chan urrainn dhomhsa dhol air sin a mheòrachadh sìos. Ach gu robh ann co-dhiù, gu robh, gu robh sgàileagan aige airson fasgadh nuair a bhiodh i sileadh ann, sileadh an uisge ann. Agus bha each aige airson, airson marcachd. Agus thachair an duine uasal a bha seo ris. Thàinig e, thug e, thàinig e suas ris an duin’ uasal. Agus bha iad a’ falbh an taice ri chéile a’ siùbhal. Agus thuirt a’ fear sin nuair a thòisich–thàinig a’ fras mhór dhe 'n uisge gum bu truagh a bhith gun taigh.
Agus thuirt e, “Nam bithinnsa ’nam dhuin’ uasal, mar a bheil sibh-p fhéin, bhiodh mo thaigh a’ falbh ri m' chois.” Agus sgaoil e a’ sgàileagan os na cionn. Agus [dh'fheart?] an dithis aca bho 'n fhras uisge.
Agus thàinig iad a’ sin gu, gu abhainn. Agus, “Nach truagh,” ors’ esan, “Nach eil drochaid air an abhainn seo?” Bha e ro leathann airson leum faithris oirre, dh’fheumadh iad, dh’fheumadh iad grunnachadh.
“An dà,” ors’ esan, “Nam bhithinnsa ’nam dhuin’ uasal, mar a tha sibh-p fhéin, bhiodh mo dhrochaid a’ falbh ri m' chois.” Agus stad agus dh’iarr e air tighinn a-nuas air a’ chùl air druim an eich. Agus chaidh e, chaidh e, ghrunnaich e null an abhainn. Cha robh, cha robh an t-each ach a' grunnachadh roimhpe, cha d' thàinig e gu bhith air [an t-snàmh?].
Agus nuair a dh’fhoighneach a' fear eile gu dé an t-ainm a bh’ air, no có esan. Thuirt e gur [Mas e?] Beò Brian. Is dhealaich e ris an fhear eile. Agus chaidh a’ fear sin gu taigh, gu taigh sònraichte. Agus dh’innse e mun dhuine gòrach a thachair ris. Agus nuair a dh’fhoighneach e dha có a bha, thuirt e [Mas E?] Beò Brian. Agus chaidh an, bha an té -- an t-searbhan a bha seo, bha i ag obair, bha i ’ga cluinntinn, agus thuig i có a bh’ ann. Agus bha e coltach gun do dh’aithnich i gu robh i fhéin a’ falbh cómhla ris an duine a bh' ann uaireigin dha 'n t-saoghail, ’s gun do dh’aithnich i gu robh e air tilleadh.
Ach chan eil cuimhn’ am gu dé an deireadh a bh’ air. Ach tha chuimhn’ agam gun tuirt Seamas Mac a’ Ghobha, nuair a bha e cur crìoch air a’ sgeulachd, “Sin agaibh mar a chuala mise sgeulachd aig Gilleasbuig.”
Notes (fieldnotes):
Fragment. Source: Gilleasbuig MacUaraig and Seumas Mac a' Ghobha.