Fear a' Bhalgaim Mhóir
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF124i03 FEAR A' BHALGAIM MHÓIR
Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil
[Joe Neil MacNeil:] Ó tha mi an dùil nuair a chuala mi sgeulachd seo bho fhear Iain Caimbeul a bhiodh a' tadhail a-staigh agus a' cur seachad greis do dh'ùine. Agus bhiodh e 'g innse sgeulachdan beag' mar sin. Is bha sgeulachd seo ann agus 's e sgeulachd mar a bheireadh 'ad fhéin "Fear na Tòine Chruaidh" agus 's ann bho fhear Peadar Caimbeul a chual' e fhéin a' sgeulachd a bha seo. Ach bha mis'—tha mi 'n dùil ma—mu eadar a cóig 's a sia bhliadhnaichean a dh'aois nuair a bha e aig—oidhche a-staigh agus a dh'inns e sgeulachd a bha seo. Ach 's ann—'s ann glé choltach ris a' sgeulachd eile air "Fear a' Bhalgaim Mhóir" sin ach tha mi 'n dùil gu robh barrachd anns a'—anns a' sgeulachd air "Fear a' Bhalgaim Mhóir," gu robh barrachd do fheadhainn air a—air an toirt air falbh air an t-soitheach, ach 's ann car ris an aon seagh a bha i dol.
[John Shaw:] 'S ann.
[JNMN:] Rìgh a bha nighean—aon nighean aige agus cha toireadh e a nighean do dhuine ri—dh'aon ri pòsadh ach a' fear a rachadh aige air long a thogail a dh'fhalbhadh air tìr cho math 's a dh'fhalbhadh i air a' mhuir.
[JS:] Hm-hmm.
[JNMN:] 'S ann car mar sin a bha e.
[JS:] 'S ann.
[JNMN:] Agus bha an triùir—an triùir bhràithrean—an triùir mhic na banntraich a' dol a dh'fhalbh airson a bha fear a b' aosda dol a dh'fhalbh airson gun togadh e fhéin an soitheach.
[JS:] Hm-hmm.
[JNMN:] Agus dh'fhoighneachd a mhàthair dheth co-dhiù bheireadh e leis am bonnach mór 's a beannachd—am bonnach beag 's a beannachd no 'm bonnach mór 's a mollachd. Agus roghnaich esan am bonnach mór. 'S nuair a bha e falbh chaidh i—sheas is' aig an dorast agus dh'éibh i, "Mo mhìle mollachd."
Agus dh'fhalbh esan agus nuair a—nuair a chaidh e dha 'n choillidh agus thachair am Bodach Beag Ruadh ris 's dh'iarr e pàirt dhe 'n bhiadh 's cha tugadh e dha greim dhe 'n bhiadh. Thuirt e gu robh e beag gu leòr dha fhéin. Agus nuair a dh'ith e am biadh, thòisich e air obair. Thug e suas inntinn air nach—'na inntinn nach gabhadh an gnothach dèanamh 's cha do leig e ach maide no dhà, fhios agad, de fhiodh airson an t-soithich. Agus chaill e a mhisneachd buileach 's thill e dhachaigh.
Agus bha fear eile magadh air, fear meadhanach a' magail air. Agus nuair a bha e fhéin a' falbh, dh'fhaighneachd a mhàthair co-dhiù an gabhadh e bonnach mór 's a mollachd no bonnach beag 's a beannachd, is ghabhadh esan am bonnach mór agus mar a rinn i air an fhear roimhe sin nuair a bha e falbh, dh'éibh i ás a dheoghaidh, "Mo mhìle mollachd." Agus thachair am Bodach Ruadh ris nuair a bha e dol a ghabhail a' bhìdh agus dh'iarr e air pàirt dhe 'n bhiadh is cha tugadh e dha greim. Agus cha robh e fad' ag obair an uair sin nuair a dh'fhàs e fhéin sgìth agus chaill e a mhisneachd agus thog e rithe dhachaigh. Agus bha fear—seann-fhear a' bruidhinn—fear aosda dhe na gillean a' magadh air a-nist mar a dh'éirich dha—"Mar a dh'éirich dhut, mar a dh'éirich dhomhsa." Ach nuair a thuirt a' fear òg gu robh e falbh, thòisich an dithist aca a' magadh air an fhear òg gu dé dhèanadh esan nuair a dh'fhailich orrasan. Agus dar a bha e dèanamh deiseil airson falbh, dh'fhaighneach a mhàthair dheth, co-dhiù bheireadh e leis am bonnach mór 's a mollachd no 'm bonnach beag 's a beannachd.
"Ó bheir dhomhs' am bonnach beag 's ur beannachd. 'S e sin na tha a dhìth ormsa."
Agus dh'fhalbh e 's nuair a bha is'—bha is' aig an dorast 'ga fhaicinn a' falbh, thuirt i, "Mo mhìle beannachd, mo mhìle beannachd, mo mhìle beannachd." Agus chùm esan roimhe dha 'n choillidh. Agus thug e tacan a' gearradh mhaidseachan no chraobhan a-nuas is thàinig an t-acras air. Agus shuidh e sìos air maide agus thug e thuige am bonnach beag 's e dol a thòiseachadh air rud ithe agus thàinig am Bodach Beag Ruadh far a' robh e. Agus dh'fhaighneachd e dha an tugadh e dha pàirt dhe 'n bhiadh is thuirt e ris gu dearbh gun tugadh. Ma dh'fhaoidte gu robh e na bu riatanaiche na e fhéin.
"Ma dh'fhaoidte gu bheil sibh na's riatanaiche na mi fhìn." Agus thug e dha uimhir 's a dh'itheadh e dhe 'n bhonnach bheag agus bha e fhéin riaraichte ás a' chòrr. Agus nuair a bha sin seachad thuirt am Bodach Ruadh ris gum b' fhèarr dha dhol 'na shìneadh tacan beag a chadail an deoghaidh dha bhiadh a ghabhail, agus nuair a chaidh e 'na shìneadh, thuit e 'na throm chadal 's nuair a dhùisg e bha an soitheach deiseil togte aig a' Bhodach Bheag Ruadh. Sin mar a bha i dol.
[JS:] 'S ann. 'S ann.
[JNMN:] Agus bha 'ad—bha e a' dol air n-aghaidh is thàinig e gu àite a bha—a bha buadh—a bha suidhe sìos air creig 's 'ga pronnadh—
[JS:] Sheadh.
[JNMN:] —a [?] oirre. Agus thuirt e ris gu dé an obair ghòrach a bh' air mar sin, gum b' fheàrr dha tighinn còmhla ris fhéin, falbh còmhla ris fhéin air an t-soitheach. Agus thug e—dh'fhalbh a' fear sin còmhla ris, agus thàinig 'ad a' sin gu àite 's—gu taobh loch 's bha fear ann a' sin 's bheireadh e balgam ás a' loch agus thraoghadh e sìos e. Cha mór gu' fàgadh e sian idir. Thilleadh e air n-ais na bha 'sa—na bha 'sa loch de dh'uisg' a-rithist.
[JS:] Sheadh.
[JNMN:] "'S gu dé an obair ghòrach a th' ort a' sin?" ars' esan, "Nach fheàrr dhut falbh còmhla rium fhìn?" Agus bha e—bha 'ad a' leantail mar sin bho àm gu àm agus tha e glé choltach ris a' sgeulachd—tha mi 'n dùil gur e sgeulachd, "Fear a' Bhalgaim Mhóir" a bh' ann—
[JS:] Seadh.
[JNMN:] —ach cha robh uimhir dhi aig a' Chaimbeulach.
[JS:] Cha robh.
[JNMN:] Cha robh.
[JS:] Cha robh.
[JNMN:] No cha robh ùin' aige air a—air a cur sìos uile.
[JS:] Cha robh.