Mac a' Bhreabadair agus Fuamhair' a' Chnuic Bhàn
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF120i02_122i01 MAC A' BHREABADAIR AGUS FUAMHAIR' A' CHNUIC BHÀN
Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil
Tha sgeulachd ann a' seo, 's e té dha na sgeulachdan Éirinn a bh' ann—a th' ann. Sgeulachd air Mac a' Bhreabadair agus Fuamhair' a' Chnoc Bhàin.
Bha breabadair ann an ceàrna a' fuireach—bha 'ad a' fuireach cuibheasach dlùth dhe 'n choillidh agus dar a ruitheadh 'ad gann de chonnadh, rachadh 'ad sìos dha 'n choillidh a dh'iarraidh cuailtean de chonnadh. Agus latha a bha seo dh'fhalbh an té a b' aosda dhe na h-igheanan còmhla ris. Agus nuair a bha an dà chual—dà chual aca deiseil, thàinig duine mór sònraichte far a' robh 'ad. Dh'iarr e 'n nighean air a' bhreabadair. Is ó, thuirt am breabadair ris gu dearbh nach toireadh. "Ma bheir thu dhomhs' an nighean," ars' esan, "bheir mi dhut a cudrom de dh'òr." Agus thilg e 'n t-òr, òrach a bha sin air an làr. Agus tha mi cinnteach nuair a chunnaic am breabadair an t-òr, gur ann deachaidh a mhealladh leis a' Phailteis, mar is minig a chaidh feadhainn.
Agus co-dhiù, chaidh am breabadair dhachaigh agus an t-ultach òir aige agus dh'fhalbh am marcaich' agus an nighean còmhla ris. Ach bha seòrsa de nàire air a dhol dhachaigh agus innse dha 'n bhean mar a thachair agus thìodhlaich e 'n t-òr anns a' ghàrradh. Agus nuair a chaidh e 'staigh, dh'fhoighneachd a bhean dheth càit' a' robh an nighean. "Ó," ars' esan, "Chaidh i null a dh'àite mo choimhearsnachd. Chuir mi a-null i a dh'iarraidh goireasan a bha dhìth orm—feum agam orra."
Agus co-dhiù, cha d' thàinig an nighean dhachaigh ach bhiodh ise, bhiodh i caoidh 's bha i gearanach. Co-dhiù dh'fhalbh esan suas dhe 'n choillidh, agus bha an dàrna té dha na h-igheanan còmhla ris. Agus cha robh 'ad ach an deòghaidh dà chual de chonnadh a ghearradh, fhaighinn deiseil, nuair a thàinig fear sònraichte a' marcachd agus chaidh e far a' robh am breabadair. Thuirt e ris, "'S fheàrr dhut do nighean a thoirt dhomhsa."
"Ó cha toir," ars' esan, "mise mo nighean do dhuine sam bith."
"Ma bheir thu dhomh do nighean," ars' e, a' fear seo, "Bheir mi dhut a cudrom de dh'airgead." Agus thilg e an tòrr airgid a bha sin air a' làr. Agus tha mi cinnteach gu robh am breabadair mar a b' àbhaist, air a mhealladh leis a' Phailteis.
Agus co-dhiù thàinig e dhachaigh agus an t-airgead aige, agus dh'fhalbh a nighean còmhla ris a' mharcaiche. Thìodhlaich esan an t-airgead còmhla ris an òr anns a' ghàrradh agus chan innseadh e dhe 'n bhean gu dé thachair, ach co-dhiù bha e 'muigh ag iarraidh connadh, e fhéin agus an nighean a b' òige. Agus thàinig marcaiche air each eireachdail nuas far a' robh 'ad agus dh'iarr e 'n nighean air a' bhreabadair is thuirt e ris nach toireadh esan an nighean do duine sam bith. "An dà," ars' esan, "ma bheir thu dhomhsa do nighean bheir mi dhut a cudrom de chopar agus thilg e 'n tòrr copair a bha sin air làr. Agus mar a b' àbhaist bha 'm breabadair air a mhealladh leis a' Phailteis agus thug e leis an copar agus dh'fhalbh an nighean còmhla ris an duin'-uasal a bha seo.
Ach leis mar a bha a bhean a' gearan 's a' caoidh 's mar a lean an gnothach, b' fheudar dha 'n bhreabadair innse mar a thachair. Agus bha ise duilich buileach an uair sin. Ach co-dhiù an ceann greis de dh'ùine, fhuair 'ad leanabh gille, agus cho luath 's a dh'fhàs e suas ann an aois dhol dha 'n sgoil, chaidh a chur dha 'n sgoil.
Is bhiodh e 'gan cluinntinn a's a' sgoil a' bruidhinn air Mac a' Bhreabadair a thug seachad na h-igheanan airson an cudrom de dh'òr 's de dh'airgead 's de chopar agus mu dheireadh thàinig e dhachaigh latha 's e caoineadh 's thuirt e nach robh esan a' dol dha 'n sgoil tuilleadh agus an deòghaidh na bha e air a chluinntinn. Agus, "Dèanaibh," ars' esan, "trì muilinn arain dhomhs', a mhàthair, 's biodh 'ad deiseil agaibh dhomh 'sa mhadainn. 'S tha mi a' falbh, agus tha mi cur bòidean orm fhìn nach cuir mi seachad trì oidhche ann an taigh gus a' faic mi mo thriùir pheathraichean." Agus chaidh e a chadal agus nuair a dh'éirich e 'sa mhadainn 's a ghabh e bhiadh-madainn, dh'fhoighneachd e dhe mhàthair a' robh an t-aran aice deiseil dha airson an turais. Ó thuirt i gu robh ach bha i gu math brònach, deurach a's an àm, ach co-dhiù dh'fhàg e bheannachd ac' agus thog e rithe.
Bha e falbh 's a' falbh. Cha robh àit' [nach b' e e?] siubhal a bh' ann. Agus mu dheireadh dh'fhàs e sgìth agus thàinig an t-acras air. Shuidh e sìos air, air leac no air maidean—air òrd fiodh no rudeigin a bh' ann agus e dol a thòiseachadh air a bhiadh a ghabhail. Ach thàinig bodach ruadh far a' robh e agus dh'fhoighneachd e dha an toireadh e pioc dhe 'n bhiadh dhasan, beagan dhe 'n bhiadh dha. "Bheir gun teagamh," ars' esan. "Suidhibh sìos làmh rium fhìn," ars' esan "'s gun gabh sinn am biadh." 'S thòisich 'ad air ithe agus lean 'ad air ithe a' biadh gus nach robh pronnag air fhàgail.
Ach ré an àm dh'innis esan, dhe 'n duine ruadh a bha seo, an turas air 'n robh e fhéin a' falbh. Agus nuair a bha 'ad deiseil, "An dà," ars' esan, a' fear seo, "ma dh'fhaoidte," ars' esan, "nach eil an gnothach cho furasda 's a shaoileadh tu. Ach bheir mise dhut trì nithean," ars' esan, "mi dhut trì rudan, ma dh'fhaoidte, a nì seirbheis dhut. Agus seo," ars' esan, "claidheamh na Faobhair, agus fad 's a bhios seo 'nad dhòrn, chan eil creutair beò a's urrainn cuir ás dhut. Agus," ars' esan, "seo agad Anart a' Phailteis agus nuair a sgaoileas tu an t-anart seo air làr no an àite sam bith, ge b' e gu dé am biadh a dh'òrdaicheas tu, no 'n deoch, bidh e agad ann a' sin. Agus," ars' esan, "seo dhut Cleòc' an Dorchadais agus nuair a chuireas tu ort an cleòca seo, chan eil duine no boireannach no beothach no creutair beò air an t-saoghal a's urrainn d' fhaicinn. Agus ge b' e càit' am bi toil agad a dhol, faodaidh tu òrdachadh agus théid thu ann cho luath ris a' ghaoith no na 's luaithe." Agus dhealaich e, am bodach ruadh, ris agus ghabh e air a, air a thuras fhéin 's ghabh e, an gille, roimhe air an t-slighe air a' robh e fhéin a' falbh.
Agus an ceann greiseadh thàinig deàrrsadh de shileadh. Thàinig fras mhór de dh'uisg' agus chunnaic e craobh daraich pìos bhuaithe agus rinn e cabhag airson faighinn dh'ionnsaigh na craoibh' airson a dhol 'san fhasgadh. 'S nuair a bha e ruith bhuail a chas ann an cnocan beag no clod a bh' air an talamh agus cha mhór nach do leag i agus dh'fhosgail an talamh agus sìos a ghabh e. Agus ghabh e sìos gus an d' thàinig e gu rìoghachd shìos fo thalamh. Agus nuair a ràinig e sin sìos, chuir e air Cleòc' an Dorchadais agus dh'fhalbh e.
Agus feasgar, thàinig e gu caisteal ann an àite brèagha eireachdail shìos ann a' sin. Agus nuair a bha e dol sìos dh'ionnsaigh a' chaisteil thug e an aire gu robh naoi cachailein air na gàrraidhean a bha mu'n cuairt air a' chaisteal, agus stad e 'muigh aig a' chiad chachaile agus thàinig nighean a-mach, agus thuirt i ris, "'S fheàrr dhut," ars' ise, "falbh ás a' sin. Ma tha thu," ars' ise, "airson, airson do bheatha a ghléidheadh."
Agus gu dé a bha sgrìobht' am broinn Cleòc' an Dorchadais ach gur ann 'san àite seo a bha a phiuthar a b' aosda. "Thalla thusa," ars' esan, "a-staigh agus abair ri m' phiuthar," ars' esan, "am boireannach a tha 'staigh 'sa chaisteal ann a' sin, tighinn a-mach a chòmhradh riumsa." Agus thill an nighean a-staigh agus an ceann tiota bha am boireannach a bha seo a-muigh aig a' chachaile.
Agus "Gu dé a tha thusa a' dèanamh a' seo," ars' ise, "no carson a thàna tu?"
"Thàna mise," ars' esan, "a' seo a choimhead airson—tha mi coimhead airson mo thriùir pheathraichean. 'S e a thug m' athair seachad té airson a cudrom de dh'òr 's té airson a cudrom de dh'airgead agus té airson a cudrom de chopar. Agus 's tus' an té a's aosda."
Dh'aithnich i air a bhruidhinn gu feumadh gur e—gur e an fhìrinn a bh' aige. Agus dh'fhosgail i a' chachaile is thuirt i ris, "Thugainn a-staigh," ars' ise, "dha 'n chaisteal. Ach na gabh iongnadh sam bith," ars' ise, "an sìon a chì thu. Nach ann," ars' ise, "chan eil mise faicinn mo chompanach ach 'na dhuine air an oidhche ach tha e 'na riochd eile fad a' latha." Agus chaidh e a-staigh dha 'n chaisteal còmhla rithe is bha 'ad tacan beag a' seanchas. Bha a' ghrian dìreach a' cromadh nuair a chual' 'ad fuaim gàbhaidh agus a-staigh a leum reithe mór. Agus thug e suas dh'ionnsaigh na lobhtadh air. 'S tha mi cinnteach gun d' rinn e fuaim gu leòr a' dìreadh na staidhreach.
Ach co-dhiù, cha robh e ach tiota shuas a' sin nuair a thàinig duine mór eireachdail àlainn a-nuas agus thuirt e—dh'fhoighneachd e dhe 'n bhoireannach, dhe 'n bhean, "Cò," ars' esan, "a tha seo còmhla riut?"
"Ó," ars' ise, "seo mo bhràthair a thàinig á Éirinn a shealltainn orm." Agus ó, cha robh an còrr ma dheidhinn. Ghabh 'ad biadh 's chaidh 'ad a' sin a thàmh. Ach a's a' mhadainn nuair a dh'éirich 'ad bha esan, bha e ann a' riochd reithe air n-ais agus bha e dol a thogail rithe.
"Nach fheàrr dhut," ars' esan ris an òganach, "fuireach còmhla rinn fhéin greis de lathaichean? 'S e do bheatha," ars' esan, "a bhith còmhla rinn."
"Ma-tà," ars' esan, "le 'r cead, cha b' urrainn sìon barrachd toileachadh a thoirt dhomhsa na fuireach còmhla ribh làthaichean, ach chuir mise bòidean orm fhèin nach cuirinn seachad trì oidhche ann an taigh—an aon taigh gus a' faicinn mo thriùir pheathraichean."
"Uill ma-tà," ars' esan, a' reithe, "bhon a dh'fheumas tu falbh," ars' esan, "Ma dh'fhaoidte," ars' esan, "gum biodh feum agad air a' seo. Dhèanadh e cuideachd dhut." 'S thug e spìonag air—ribeag dhe 'n chlòimh às—far e fhéin, agus shìn e seo dhe 'n, dhe 'n ghille. "Seo," ars' esan. "Gléidh thusa siud 'nad phòca agus ma bhios tu," ars' esan, "ann an càs gu bhith riatanas air," ars' esan, "fóghnadh dhutsa sin a thoirt às do phòc' agus na bheil do reitheachan air an t-saoghal iarraidh agus," ars' esan, "thig reitheachan gu leòr 'gad chuideachadh." Agus co-dhiù dh'fhàg e beannachd aig a phiuthair agus chaidh e 'mach 's chuir e air Cleòc' an Dorchadais agus bha e falbh gus an d' thàinig an t-acras air agus nuair a thàinig, thug e dheth an cleòc' agus sgaoil e Anart a' Phailteis air làr agus ghabh e biadh agus chuir e uim' an cleòc' a rithist agus chùm e air adhart agus aig—faisg air dol fodha na gréineadh, thàinig e gu caisteal mór, agus mar a bha a' chiad fhear, bha cachailean gu leòr mu'n cuairt air agus geàird agus nuair a ràinig e dhe—aig a' chachail' a b' fhaid' a-mach, thàinig an nighean a bha seo a-mach agus thuirt i ris gum b' fheàrr dha falbh ás a' sin ma bha e 'son a bheatha a shàbhaladh.
Thuirt e rithe i dhol a-staigh agus iarraidh air a phiuthar tighinn a-mach a chòmhradh ris-san. Agus co-dhiù, ruith an nighean a-staigh nuair a chual' i seo agus thàinig an té eile a-mach. Agus, "Gu dé chuir thusa a' seo?" ars' ise.
"Thàinig mis'," ars' esan, "ann a' seo airson 's gum biodh—seagh air mo cheum," ars' esan, "a' dol a dh'fhaicinn mo thriùir pheathraichean a chaidh an toirt seachad. Thug m' athair seachad té airson a cudrom de dh'òr, té airson a cudrom de dh'airgead agus té airson a cudrom de chopar. Agus 's tusa an té mheadhanach dhe mo pheathraichean." Agus nuair a chual' i an seanchas aige, dh'aithnich i gura h-fheudar gur e a bràthair a bh' ann agus dh'fhosgail i a' chachail' agus thuirt i ris e thighinn a-staigh.
"Thig," ars' ise, "dha 'n chaisteal ach na gabh iongnadh sam bith," ars' ise, "á sìon a chì thu. Chan eil mise a' faicinn mo chompanach ach air an oidhche. Tha e 'na dhuine, ach air a' latha tha e ann a' riochd eile."
Co-dhiù bha 'ad a' seanchas a-staigh 'sa chaisteal agus chual' 'ad fuaim a-muigh agus a-staigh a thàinig bradan, am bradan bu mhotha, tha mi cinnteach, a chunnaic duine riamh agus bha e—phlapadh e suas gus na gabh e suas an staidhre agus an ceann tiotadh bha e a-nuas 'na dhuine eireachdail agus dh'fhoighneachd e dhe 'n a mhnaoi có bha siud 's còmhla rithe. "Nach do shaoil leam," ars' esan, "gun do dh'iarr mi ort gun duine a leigeadh a-steach fhad 's a bhithinn air falbh?"
"A," ars' ise, "siud bràthair dhomh fhìn," ars' ise, "a thàinig á Éirinn a shealltainn oirnn." Agus co-dhiù, chaidh an gnothach seachad. Ghabh 'ad, ghabh 'ad am biadh agus chaidh 'ad gu tàmh, agus anns a' mhadainn, thuirt am bradan ris, "Nach fheàrr dhut," ars' esan, "fuireach làthaichean còmhla rinn fhìn?" ars' esan. "Bhitheamaid toilichte thu bhith còmhla rinn."
"Bheireadh e mór-thoileachadh dhomh fuireach," ars' esan, "ach chuir mi bòidean orm fhìn nach fuirichinn trì oidhchean an taigh gus a' faicinn mo thriùir pheathraichean."
"Ma-tà," ars' esan, am bradan, "bho 'n 's fheudar dhut falbh, bheir mi," ars' esan, "dhut rud ma dh'fhaoidte a bhios feumach dhut fhathast."
Agus thug e pìos bheag dhe 'n iteach dhe fhéin agus shìn e siud dhe 'n ghille. "Cuir thu sin 'nad phòcaid," ars' esan, "agus ma bhios tu ann an càs no 'n trioblaid," ars' esan, "gum bi feum agad oirre, bheir thu sin ás do phòc' agus faodaidh tu na bheil de bhradain a's a' chuan iarraidh agus thig 'ad 'gad chuideachadh." Agus dh'fhalbh e agus an ceann greiseag dh'fhàg esan beannachd aig a phiuthar agus thog e rithe air a thuras.
Agus nuair a dh'fhàs e sgìth 's thàinig an t-acras air, sgaoil e Anart a' Phailteis air làr agus dh'òrdaich e biadh is deoch agus fhuair e sin, 's nuair a ghabh e biadh agus rinn e tacan beag de thàmh, chuir e air Cleòc' an Dorchadais agus thog e rithe. Agus mu dhol fodha na gréineadh thàinig e gu, gu caisteal mór agus mar a bha na caisteil eile, bha cachailean móra eadar e 's a' chaisteal 's thàinig nighean dh'ionnsaigh 'mach agus thuirt i ris gum b' fheàrr dha fuireach, fuireach air falbh ás a' siud—a bhith togail rithe ma bha e airson a bheatha a shàbhaladh. Ó thuirt e rithe, ise dhol a-staigh agus a chantail ri phiuthar-san tighinn a-mach a sheanchas ris, gu robh toil aige bruidhinn rithe.
Agus co-dhiù nuair a chaidh 'n nighean a-staigh, thàinig an té eil' a-mach ann an cabhag agus dh'fhoighnich i dha gu dé chuir a' seo e. Dh'innis e 'n turas air an robh e, agus dh'aithnich i air a sheanchas gur e a bràthair a bh' ann agus dh'fhosgail i a' chachaill' agus thuirt i ris, "Thig a-staigh," ars' ise, "dha 'n chaisteal. Agus na gabh iongnadh á sìon a chì thu," ars' ise. "Chan eil mise faicinn mo chompanaich ach air an oidhche ann a' riochd duine." Bha 'ad a' seanchas agus dìreach nuair a bha ghrian dol fodha chualas fuaim gàbhaidh agus thàinig fhìor-eun mhór a-staigh. Fhìor-eun—an fhìr-eun a bu mhoth', tha mi cinnteach, a chunnaic aon an àite sam bith, agus ghabh e suas dh'ionnsaigh na lobhtadh agus thàinig an fhìor-eun a-nuas ann an ceann tiotadh 'na duin'-uasal eireachdail.
Agus "Gu dé—có," ars' esan, "A tha seo còmhla riut?" 'S neo-ar-thaing nach robh fios aige-san a' cheart cho math 's a bha fios aige roimhe 's aig a' bhradan có a bh' ann ged a bha e cur deuchainn oirre.
"Tha a' seo," ars' ise, "mo bhràthair a thàinig á Éirinn a choimhead orm." Agus co-dhiù chuir 'ad seachad an oidhche 's bha 'ad a' seanchas agus thuirt an fhìor-eun ris 'sa mhadainn nuair a bha e falbh—bha e fàgail, "A-nis," ars' esan, "tha mise dol thoirt dhut," ars' esan, "rud a, ma dh'fhaoidte, nì cuideachadh dhut air do thuras. Tha seo," ars' esan, "ite agus cuiridh tu 'nad phòcaid an ite seo agus ma bhios feum agad air cuideachadh uair sam bith a théid againn air a dhèanamh leat [bhuin/ bho 'n fhuair?] an ite seo 'sa phòca, agus na bheil de dh'fhìor-eun air an t-saoghal iarraidh agus thig a h-uile iolair a tha ri faotainn 'gad chuideachadh."
Ach co-dhiù dh'fhalbh an fhìor-eun. Thog e rithe dha 'n shealg no mar a b' àbhaist agus bha esan ri seanchas ri phiuthair ach bho 'n a bha e nist an deòghaidh an triùir fhaicinn cha robh an uiread de chabhag air agus 's ann a dh'fheumadh e dhol air feadh a' chaisteil uile agus chaidh 'ad suas gu h-àrd a's a' chaisteal, shuas air an dàrna no an treas ùrlar 's bha 'ad a' coimhead a-mach air an uinneig air a, air a' chuan. 'S bha caisteal—a h-uile h-aon dhe na h-igheanan bha 'ad taobh cuain ach cha robh fios aig aon dhiubh càit' an robh càch a' fuireach. Ach bha e coimhead a-mach agus chunnaic e cnoc mór bàn thall pìos ás agus caisteal air.
"Gu dé," ars' esan, "an dà, an caisteal tha thall a siud, an t-àit' tha siud?"
"Ó," ars' ise, "siud, shiud an Cnoc Bàn," ars' ise, "far a bheil a' fuamhair' a' fuireach. Tha air Fuamhair' a' Chnoc Bhàn. Agus ghoid a' fuamhair'," ars' ise, "o chionn cunntais bhliadhnaichean an nighean a b' eireachdail' a bha riamh air an t-saoghal. Agus chaidh a h-uile mac rìgh agus ridir agus [uaistean/uaislean?] feuch an teasraigeadh 'ad an nighean. Ach dh'fhailnich air a h-aon riamh an gnothach a dhèanamh. Bha e 'gam marbhadh mar a ruigeadh 'ad 's mar a rachadh 'ad a chur, a chur còmhrag ris. Agus nuair a mharbhadh e 'ad, bha—a h-uile duine a bha e marbhadh, bha e 'gan ithe. Bha e 'g ithe na feòladh 's bha e tilgeil nan cnàmh a-mach air an làr. Agus tha thu," ars' ise, "a' faicinn a' chnoc sin bàn. Tha e," ars' ise, "bàn le cnàmhan dhaoine."
Agus, "An dà," ars' esan, "'s ann bu chòir dhomhsa dhol ann gun fhios nach rachadh agam air, air cur ás dhe 'n fhuamhaire tha sin." Agus thog e rithe 's chuir e air Cleòc' an Dorchadais agus cha robh e fada gun ruighinn thall far a' robh a' fuamhaire, àit' an fhuamhaire. 'S nuair a chaidh e suas bha a' fuamhair' a-muigh 's e a' cur còmhrag—cath agus còmhrag ri dithist. Agus ghabh esan a-staigh. Leum e 'staigh dha 'n chaisteal aig an fhuamhaire agus bha am boireannach a-staigh ann a' sin.
Agus bhruidhinn e rithe agus thug e dheth an cleòca agus, ó, thuirt i ris gura h-e na rinn e mearachd tighinn dha 'n àite seo idir, gun rachadh a mharbhadh. Ó thuirt e nach robh eagal air idir. Agus "Ó," ars' ise, "tha thu ann an cunnart. Cha d' thàinig duine riamh fhathast," ars' ise, "seo, cho mór 's gu robh an duine nach do mharbh a' fuamhaire agus nach do rinn e aon bhiadh air. Cha dèanadh e barrachd is aon bhiadh dha, a dh'aindheoin 's cho mór 's gum bitheadh e.
Agus, "Coma leat a' sin," ars' esan. "Bheir dhomhsa rud beag a dh'itheas mi an dràsd' agus nuair a chuireas mi orm an cleòc'," ars' esan, "na gabh thus' ort gu bheil—gu robh mi riamh a' seo, no gu bheil sgeul orm." Agus dh'ith e rud beag de bhiadh agus chuir e uim' an cleòc' agus ann an tiotadh, thàinig a' fuamhaire a-staigh agus dà chorp aig' air a mhuin.
'S thilg e siud air a' làr 's thuirt e, "Seo," ars' esan, "bruich, bruich sin dhomhsa 's gun ithinn mo bhiadh." Ars' esan, "Tha mi faireachdainn fàileadh faladh a' seo. Tha cuideigin a' seo."
"Chan eil mi faicinn duine," ars' ise, "ma-thà."
"Chan eil," ars' esan, "no mise faicinn duine, ach tha fios 'am gu bheil cuideigin ann." Agus a's an àm a bha sin bha 'n gille air a chùlaibh agus thug e sràc leis a chlaidheamh agus rinn e droch lot air an fhuamhaire, ach thionndaidh a' fuamhaire 's cha robh e 'ga fhaicinn. Agus thug e 'n ath sràc air agus lean e mar sin gu feasgar. 'S bha e an deòghaidh leth-cheud buille thoirt air an fhuamhaire agus cha d' fhuair a' fuamhaire aon sràc a thoirt airsan. Agus mu dheireadh dh'iarr a' fuamhaire fosadh còmhraig air gu madainn.
Agus, "Gheobh thu sin," ars' esan. Agus chaidh a' fuamhaire dha 'n leabaidh. Ach bha ise caoineadh 's a' gearan 's dé bha dol a dh'éirigh dhithse nuair rachadh esan a mharbhadh. "Tha coma leat," ars' a' fuamhaire, "chan eil cùram dhomhsa gun téid mo mharbhadh."
Ach co-dhiù 'sa mhadainn a-màireach nuair a thàinig an gille bha a' fuamhaire cho slàn fallainn 's a bha e riamh. Agus thòisich 'ad air cath a' latha sin 's bha—ó bha a' fuamhaire air a ghearradh suas gu dona. Cha d' fhuair e aona bhuille air a' ghille. Cha robh e 'ga fhaicinn. Bha esan daonnan a' falach 's e falbh cho luath a-null 's a-nall. Ach feasgar, nuair a dh'iarr e, nuair a dh'iarr e fosadh còmhraig air, gheobhadh e sin, agus thòisich ise air nighe na lotan a bh' air 's i a' caoineadh. "Tha thu," ars' ise, "dol a bhith air do mharbhadh, cinnteach gu leòr. 'S gu dé nì mise," ars' ise, "ma théid do chur gu bàs?"
"Chan eil cùram dhomhsa," ars' esan, a' fuamhaire. "Ach," ars' esan, "airson, airson d' inntinn a chur aig fois," ars' esan, "feumaidh mi innse dhut," ars' esan, "innsidh mi dhut mu 'n ghnothach. Cha ghabh mise mo chur gu bàs. Tha," ars' esan, "tha, tha molt," ars' esan, "ann an ciste air a bannadh 's air a glasadh ann an grunnd a' chuain. Agus am broinn a' mhuilt tha lach agus am broinn na lach—no 'n tunnag mar a their 'ad—tha ugh. Agus gus an téid an t-ugh sin fhaotainn agus a shuathadh ris a' bhall-dòbhrain a tha sìos fo m' achlais-sa, cha ghabh mise cur gu bàs."
Agus bha esan a'—'ga chluinntinn a's an àm a bha seo. Bha e 'g éisteachd ris a' rud a thuirt a' fuamhaire. Agus 'mach a thug e. Ghabh e dh'ionnsaigh a' chladaich. Agus thug e an iteach ás a' phòca, 'm pìos iteach a thug am bradan dha agus ghuidh e gum biodh a h-uile bradan a bha 'sa chuan airson a chuideachadh agus cha—ann an tiotadh, cha chluinneadh e sian ach an [gàth?] aig na bradain a' snàmh, a h-uile bradan air ti—bh' ann a' snàmh, 's a' chist' ac' air an uair—mu 'n druim a' tighinn. Leig 'ad car dhi suas air a' chladach. Ach bha e cho dona dheth 's a bha e roimhe. Cha ghabhadh e—cha ghabhadh i bristeadh no fosgladh. Bha i air a bannadh 's air a glasadh. Agus an deòghaidh a h-uile dìcheall a bh' ann, smaointich e, nam biodh na reitheachan seo, ma dh'fhaoidte gun dèanadh 'ad feum agus thug e ribeag chlòimh ás a' phòca is ghuidh e gum biodh reitheachan an t-saoghail a' seo—an domhainn a' seo gu léir agus cha bu luaithe a rinn e guidhe na thug e sùil 's bha an tràigh làn de reitheachan mór, uabhasach 's adhaircean mór' orr' uile 's ghabh 'ad dhiubh am bad na ciste 's bha slac thall 's a bhos 'ad gus an do rinn 'ad sgealban oirre.
Agus ma rinn, nuair a rinn 'ad sgealban air a' chistidh co-dhiù, a-mach, a-mach a bha 'n tunnag ás a'—agus—ás a' chistidh agus ma bha, ma bha 'n tunnag a-mach ás a' chistidh ann an cabhag, thug e sin an it' ás a' phòca agus dh'òrdaich e na h-fhìor-eunan is thàinig do—na bha de dh'fhìor-eunan ann, is bha 'n tunnag air a [suampadh/suainteadh?] a-staigh. Cha b' urrainn dhi gluasad 'nam measg. Agus ghabh—fhuair 'ad greim oirre—fhuair e greim air an tunnag 's thug e 'n t-ugh aiste. Is chaidh an t-ugh thoirt ás an tunnag. Is bha an t-ugh aige gléidhte fo achlais tha mi cinnteach. Agus dh'fhalbh e 'sa mhadainn an làrna-mhàireach 's chuir e cath ris—chaidh e chòmhrag ris a' fhuamhaire mar a b' àbhaist. Ach thuirt e ris—rithese—nuair a bhiodh i nighe na lotan a bh' air an fhuamhaire, i thogail suas a ghàirdean àrd. Ach bha 'ad a' cath an oidhche sin—an latha sin—nuair a bha e tràth 'sa mhadainn gus a' robh i gu leth anmoch 'san fheasgar agus bha a' fuamhaire air a ghearradh suas gu math dona ach cha robh aon lot air a' ghille. Ach co-dhiù nuair a chaidh an cath a bha sin seachad, thòisich ise air nighe na lotan air an fhuamhaire agus thog i suas a ghàirdean agus chunnaic esan am ball-dòbhrain 's shuath e 'n t-ugh ris agus bha a' fuamhaire marbh 'sa mhionaid. Chaidh an t-ugh a shuathadh ris a' bhall-dòbhrain a bha fo 'n achlais aige. Bha e marbh. Agus cha robh e sin ach gu robh a' fuamhaire ullamh.
Agus dh'fhalbh 'ad an uair sin 's chaidh 'ad gu àite a pheathar. Agus chaidh 'ad a' sin air n-ais a dh'iarraidh ionntas bho 'n fhuamhaire a bha de dh'òr 's de dh'ionntas a' sin, uimhir 's a tharraingeadh each air aon turas. Agus thug 'ad leotha na bha sin de—b' urrainn dhaibh dheth co-dhiù dha sin. Agus chuir 'ad seachad naoidh latha còmhla ris an té a b' òige dhe pheathraichean agus ris an fhìor-eun agus nuair a bha e fàgail, thug e 'n ite dha 'n fhìor-eun air n-ais agus móran taing dha airson a feum agus thug e an uair sin—thog 'ad orra agus chaidh e dh'ionnsaigh an àite a phiuthair, an té mheadhanach, agus dh'fhuirich 'ad naoidh latha ann a' sin. Agus nuair a bha e fàgail beannachd aca sin, thug e am pìos iteach dha 'n bhradan agus móran taing dha airson na seirbheis. Agus dh'fhalbh 'ad, ach thug 'ad dà sheachdain còmhla ris an té a b' aosda dhe na h-igheanan agus còmhla ris a' reithe, agus nuair a bha e fàgail beannachd aig a' reithe, thug e dha a' ribeag chlòimh air n-ais agus thug e móran taing dha airson mar a—an seirbheis a thug e aiste.
Agus thog e fhéin agus an nighean a ghoid a' Fuamhaire a' Chnoc Bhàin, thog 'ad rithe. Agus nuair a ràinig 'ad an t-àite ás an d' thàinig e an àirde gu uachdar an talmhainne, sgaoil e an Anart a' Phailteis agus shuidh 'ad sìos a ghabhail biadh. Agus ghuidh e gu robh am Bodach Ruadh còmhla riutha airson, airson pàirt dhe 'n bhiadh a ghabhail. Agus cha bu luaithe thuirt e sin na thàinig e agus shuidh e sìos còmhla riutha. Agus nuair a bha 'ad a—ghabh 'ad am biadh 's a bha 'ad a' dealachadh, thuirt e ris, thuirt a' fear—an duine ruadh, "Is mise," ars' esan, "bràthair an fheadhainn sin a bha thusa a-staigh aca bha fo gheasaibh, a' reithe agus am bradan 's an fhìor-eun agus bha fios 'am," ars' esan, "gu dé bha romhad-sa 's nach dèanadh tu an gnothach mura feuchainn ri cuideachadh a thoirt dhut agus b' e sin an t-adhbhar gun d' thug mi dhut an cuideachadh seo. Agus thug e air n-ais dha an claidheamh agus Anart a' Phailteis agus Cleòc' an Dorchadais agus chùm 'ad fhéin romhpa dhachaigh agus bha tìodhlaicean aca dol dh'ionnsaigh athar 's a mhàthar bho na h-igheanan a bha pòsda agus bha stòras gu leòr aca dha 'na bh' aig Fuamhaire a' Chnoc Bhàin airson 'ad a thogail caisteal mór dhaibh-p fhéin.
Nuair a thill 'ad dhachaigh, bha tìodhlaicean aca bho na h-igheanan air n-ais dh'ionnsaigh a' bhreabadair agus na bean agus bha a' fear òg an deòghaidh na thriùir pheathraichean fhaicinn agus bha e 'n deòghaidh an nighean a ghoid Fuamhaire a' Chnoc Bhàin—bha i aige agus 'ad pòsda agus leis an ionntas a bh' aig an fhuamhaire, bha 'ad beartach gu leòr agus thog 'ad caisteal mór brèagha dhaibh-p fhéin, agus tha 'ad ma dh'fhaoidte ann a' sin fhathast ach cha d' fhuair mise guth no naidheachd bhuapa. Ma dh'fhaoidte air tàilleabh a' phostachd gu bhith car a-null fad greisean gur e a chur air deireadh an gnothach. Agus sin agaibh a' sgeulachd agamsa.