'S Fheudar Dhomh Bhith Togail Orm
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF119i03 'S FHEUDAR DHOMH BHI TOGAIL ORM
Beulaiche: Dòmhnall Nìll Eòin Mhóir | Dan Neil MacNeil
Bàrd: Am Bàrd Ruadh , Lachlann MacMhuirich | Lachlann Currie
Bha esan a-staigh 's chaidh athair—chaidh athair dha'n a'—dha'n mhuileann-bleith, a bhleith—tha mi 'creidsinn gur e am, gur e cruithneachd a bha e 'dol a dhèanamh flùr air. Dh'fhalbh e 's a thàinig stoirm do shneachda. Start e—start e—agus start e dhachaidh is bha ise, bha ise a' gabhail, a' gabhail ùine nach robh e 'tighinn is ó thuirt i ri Lachlann, ars' ise: "'S fheàrr dhut a dhol an coinneamh t' athair"
"Och och" thuirt esan, "Bidh e alright."
An ceann treis mhór eile thuirt ise, "'S fheàrr dhut a dhol an coinneamh t' athair." Ars' ise, "Tha stoirm dona." Ach co-dhiù, start e 'cur air a chòta, start e air a' cheathramh a bha seo:
'S fheudar dhomh bhith 'togail orm,
Cha dean fuireach feum ach falbh,
'S fheudar dhomh bhith 'togail orm,
A dh'ionnsaigh a' chruadail.
Chan eil mi fhathast fad' air chall,
Cluinnidh mi guth fada thall,
Chì mi còta sin aig' ruadh,
Tha cinnteach Dòmhnall Ruadh ann.
That's it.