GF119i03 'S FHEUDAR DHOMH BHI TOGAIL ORM Beulaiche: Dòmhnall Nìll Eòin Mhóir | Dan Neil MacNeil Bàrd: Am Bàrd Ruadh , Lachlann MacMhuirich | Lachlann Currie Bha esan a-staigh 's chaidh athair—chaidh athair dha'n a'—dha'n mhuileann-bleith, a bhleith—tha mi 'creidsinn gur e am, gur e cruithneachd a bha e 'dol a dhèanamh flùr air. Dh'fhalbh e 's a thàinig stoirm do shneachda. Start e—start e—agus start e dhachaidh is bha ise, bha ise a' gabhail, a' gabhail ùine nach robh e 'tighinn is ó thuirt i ri Lachlann, ars' ise: "'S fheàrr dhut a dhol an coinneamh t' athair" "Och och" thuirt esan, "Bidh e alright." An ceann treis mhór eile thuirt ise, "'S fheàrr dhut a dhol an coinneamh t' athair." Ars' ise, "Tha stoirm dona." Ach co-dhiù, start e 'cur air a chòta, start e air a' cheathramh a bha seo: 'S fheudar dhomh bhith 'togail orm, Cha dean fuireach feum ach falbh, 'S fheudar dhomh bhith 'togail orm, A dh'ionnsaigh a' chruadail. Chan eil mi fhathast fad' air chall, Cluinnidh mi guth fada thall, Chì mi còta sin aig' ruadh, Tha cinnteach Dòmhnall Ruadh ann. That's it.