Cumha nam Bràithrean
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF116i06 CUMHA NAM BRÀITHREAN
Beulaiche: Eòs Ailean mac Ruairidh Chaluim Ghobha | Joe Allan MacLean
Bàrd: Peigi Ailein Nic an t-Saoir , Maggie | Margaret (Peggy) MacKinnon (nèe MacIntyre)
Agus dh'fhalbh 'ad a-mach air an deigh agus theann an deigh air falbh a-mach bhon chladach agus dheth bhith muigh 'ad—cha b' urrainn dhaibh—cha robh 'ad ach a' leum bho [chnapair?] gu [cnapair dhiubh?] am faigheadh 'ad am [beathas'?]. Chaidh am bàthadh.
Chuala Peigi Ailein—bhiodh i bàrdachd co-dhiù—mu dhéidhinn agus start i agus rinn i an t-òran a bha seo:
'S ann DiHaoine 'sa mhadainn
Fhuair mi naidheachd bha deurach
Mu Chloinn Fhionghain, luchd mo [sgaidh?]
Bhith 'sa chladach 's MacSheumais
Mór an dìobhail mar thachair seo
Bhith 'san tiùrradh [gur glaidsreadh?]
Tha mo dhùrachd air fad dhuibh
'S gu' robh mathanas Dé leibh.
Cha b' e sgioba bha gealtach
A bh' againn anns nach gun fheum seo
Ged a rinn i ur [meall…?]
Fhuair a sgar ribh o chéile
Nuair a rinn iad dalladh air
Le dlùth le clach-mheallain
'S e mo dhìobhail mar thachair
Chaill ur casan a' stéidheadh.
Bha ur càirdean gur faicinn
Bu ghoirt bho sgaiteachan beum e
Sibh fo fheumainn na mara
Agus bradag na [pàidhson?]
Nuair a rinn i ur dalladh
Air le dlùth le cloich-mheallain
'S e mo dhìobhail mar thachair
Sibh bhith an taigh seo ro chéile.
Càit na dh'fhàg mi thu, Iain
'S tu fear cridhe na féile
Cha bu nàir' dhomh ort tighinn
A' measg fhichead na cheudan
Fhuair thu an àirdeal do chinneadh
Anns gach àite robh mheas ort
Gur e an tàir thoirt do ghin dhiubh
Fhad 's a fiosrachd mi fhéin ann.
Bu tu deagh fhear an taigh'
A dh'fhàs gu mathasach feumail
A' làmh a dhèanamh a' cheartais
'S a thoirt seachad dhan fheumach
'S gu robh bhuaidh sin dha d' ainm air a chanainn
Gur [Iain?] agus Dòmhnall thar m' aithne
Air nach chaithinn mo [léine?].
Reference sources:
Bardachd a Albainn Nuaidh, Calum Macleod (1970), p. 44