GF116i06 CUMHA NAM BRÀITHREAN Beulaiche: Eòs Ailean mac Ruairidh Chaluim Ghobha | Joe Allan MacLean Bàrd: Peigi Ailein Nic an t-Saoir , Maggie | Margaret (Peggy) MacKinnon (nèe MacIntyre) Agus dh'fhalbh 'ad a-mach air an deigh agus theann an deigh air falbh a-mach bhon chladach agus dheth bhith muigh 'ad—cha b' urrainn dhaibh—cha robh 'ad ach a' leum bho [chnapair?] gu [cnapair dhiubh?] am faigheadh 'ad am [beathas'?]. Chaidh am bàthadh. Chuala Peigi Ailein—bhiodh i bàrdachd co-dhiù—mu dhéidhinn agus start i agus rinn i an t-òran a bha seo: 'S ann DiHaoine 'sa mhadainn Fhuair mi naidheachd bha deurach Mu Chloinn Fhionghain, luchd mo [sgaidh?] Bhith 'sa chladach 's MacSheumais Mór an dìobhail mar thachair seo Bhith 'san tiùrradh [gur glaidsreadh?] Tha mo dhùrachd air fad dhuibh 'S gu' robh mathanas Dé leibh. Cha b' e sgioba bha gealtach A bh' againn anns nach gun fheum seo Ged a rinn i ur [meall…?] Fhuair a sgar ribh o chéile Nuair a rinn iad dalladh air Le dlùth le clach-mheallain 'S e mo dhìobhail mar thachair Chaill ur casan a' stéidheadh. Bha ur càirdean gur faicinn Bu ghoirt bho sgaiteachan beum e Sibh fo fheumainn na mara Agus bradag na [pàidhson?] Nuair a rinn i ur dalladh Air le dlùth le cloich-mheallain 'S e mo dhìobhail mar thachair Sibh bhith an taigh seo ro chéile. Càit na dh'fhàg mi thu, Iain 'S tu fear cridhe na féile Cha bu nàir' dhomh ort tighinn A' measg fhichead na cheudan Fhuair thu an àirdeal do chinneadh Anns gach àite robh mheas ort Gur e an tàir thoirt do ghin dhiubh Fhad 's a fiosrachd mi fhéin ann. Bu tu deagh fhear an taigh' A dh'fhàs gu mathasach feumail A' làmh a dhèanamh a' cheartais 'S a thoirt seachad dhan fheumach 'S gu robh bhuaidh sin dha d' ainm air a chanainn Gur [Iain?] agus Dòmhnall thar m' aithne Air nach chaithinn mo [léine?].