Seo a' bhiadhna a chuir ás dhomh (le ro-ràdh)
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF115i03 SEO A' BHIADHNA A CHUIR ÁS DHOMH (LE RO-RÀDH)
Beulaiche: Eòs Ailean mac Ruairidh Chaluim Ghobha | Joe Allan MacLean
Joe Allan MacLean: Agus, chuir iad mu dhéidhinn pòsadh.
John Shaw: Seadh.
JAM: Agus a' mhadainn a bha e a' falbh a phòsadh, mhàthair 's a bhràthairean na aghaidh [dhol?] ga pòsadh. A' mhadainn a bha e a' falbh a pòsadh co-dhiù, cheap athair 's a bhràthairean aig an t-sabhal e 's e a' toirt a-mach an eich 's e falbh. 'S rug 'ad air, 's mhaoidh 'ad air gun cuipeadh 'ad e le srian an eich, mura clìoradh e dhachaidh. Uill dh'fhalbh e is chaidh e dhachaidh is thug e leapa is dh'eug e a's a' leapaidh ag ionndraidh na h-ìghinn agus nach d' fhuair e pòsadh. Agus rinn e òran.
JS: Hmm.
JAM: Tha mi creidsinn, chan eil fhios am an cuala tu e. Chan eil fonn air. Dé a-nist [...leithid?] do dh'ùine gun òran a ghabhail, théid ‘ad as do chuimhne.
Seo a' bhliadhna chuir ás dhomh
'S a ghluais a' falt air mo cheann
Tha na dh’ fhan dheth air glasadh
'S e falbh na shad leis a' ghaoith.
Cha dèan lighichean feum dhomh
Sian fo 'n ghréin ach aon nì
On nach fhaicinn mo cheud-ghaoil
'S i call a céile gam chaoidh.
Gur e diombach a tha mi
Dham phàrantan fhéin
Nach do leig iad leam pòsadh
An cailin òg a b' fhèarr beus.
'S ann a bha iad ag ràitinn
Is' gun àille, gun [chéil'?]
'S ann a chaill thu do shrachadh
Anns a' làraich le [srian?].
Thug mo shùilean gu sileadh
Cho mire ri [àl?]
Tha mo bheul air fàs tioram
'S tha mo chridh' air fàs fann.
Chaidh mo [m' astar am moillead?]
Chaidh mo chadal air chall
'S truagh nach robh mi fon talamh
Anns a' chlachan ud thall.
Ach nan dèanamaid pòsadh
Cha bhiodh do stòras [os?] gann
Bhitheadh do choirce agus d' eòrna
'S do chrodh gun croitean 's iad [gann?].
[Bha?] gun dèanainn do bhrogan
[a mhalt?] bòidheach gun mheang
Agus stiùirinn do bhàta
Is chuan àrd 's i [bha ?]
Cha téid mise ann an còmhnaidh
Dhan mhór-thìr ud thall
'S ann théid mi dha 'n chlachan
Agus leac mo cheann.
Bidh sibh uile gun chòmhradh
Agus Dòmhnall air chall...
Notes (fieldnotes):
Source: Aonghus MacNìll agus Eóghann MacNìll á Barraidh [Angus MacNeil and Hugh MacNeil from Barra].
Reference sources:
An t-Òranaiche, ed. Gilleasbuig Mac na Ceàrdach (1879), p. 211