GF115i03 SEO A' BHIADHNA A CHUIR ÁS DHOMH (LE RO-RÀDH) Beulaiche: Eòs Ailean mac Ruairidh Chaluim Ghobha | Joe Allan MacLean Joe Allan MacLean: Agus, chuir iad mu dhéidhinn pòsadh. John Shaw: Seadh. JAM: Agus a' mhadainn a bha e a' falbh a phòsadh, mhàthair 's a bhràthairean na aghaidh [dhol?] ga pòsadh. A' mhadainn a bha e a' falbh a pòsadh co-dhiù, cheap athair 's a bhràthairean aig an t-sabhal e 's e a' toirt a-mach an eich 's e falbh. 'S rug 'ad air, 's mhaoidh 'ad air gun cuipeadh 'ad e le srian an eich, mura clìoradh e dhachaidh. Uill dh'fhalbh e is chaidh e dhachaidh is thug e leapa is dh'eug e a's a' leapaidh ag ionndraidh na h-ìghinn agus nach d' fhuair e pòsadh. Agus rinn e òran. JS: Hmm. JAM: Tha mi creidsinn, chan eil fhios am an cuala tu e. Chan eil fonn air. Dé a-nist [...leithid?] do dh'ùine gun òran a ghabhail, théid ‘ad as do chuimhne. Seo a' bhliadhna chuir ás dhomh 'S a ghluais a' falt air mo cheann Tha na dh’ fhan dheth air glasadh 'S e falbh na shad leis a' ghaoith. Cha dèan lighichean feum dhomh Sian fo 'n ghréin ach aon nì On nach fhaicinn mo cheud-ghaoil 'S i call a céile gam chaoidh. Gur e diombach a tha mi Dham phàrantan fhéin Nach do leig iad leam pòsadh An cailin òg a b' fhèarr beus. 'S ann a bha iad ag ràitinn Is' gun àille, gun [chéil'?] 'S ann a chaill thu do shrachadh Anns a' làraich le [srian?]. Thug mo shùilean gu sileadh Cho mire ri [àl?] Tha mo bheul air fàs tioram 'S tha mo chridh' air fàs fann. Chaidh mo [m' astar am moillead?] Chaidh mo chadal air chall 'S truagh nach robh mi fon talamh Anns a' chlachan ud thall. Ach nan dèanamaid pòsadh Cha bhiodh do stòras [os?] gann Bhitheadh do choirce agus d' eòrna 'S do chrodh gun croitean 's iad [gann?]. [Bha?] gun dèanainn do bhrogan [a mhalt?] bòidheach gun mheang Agus stiùirinn do bhàta Is chuan àrd 's i [bha ?] Cha téid mise ann an còmhnaidh Dhan mhór-thìr ud thall 'S ann théid mi dha 'n chlachan Agus leac mo cheann. Bidh sibh uile gun chòmhradh Agus Dòmhnall air chall...