Òran na Pìoba
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF114i05 ÒRAN NA PÌOBA
Beulaiche: Eòs Ailean mac Ruairidh Chaluim Ghobha | Joe Allan MacLean
Bàrd: Peigi Ailein Nic an t-Saoir , Maggie | Margaret (Peggy) MacKinnon (née MacIntyre)
[Joe Allan MacLean:] Seann-bhoireannach air taobh a deas a' bhaighe thall an a' seo ris an canadh 'ad am Pòn Mór. Bhiodh i daonnan a' bàrdachd. Bha i glé mhath gu dèanamh òrain cuideachd. Agus chaidh i dh'àite sagairt a bh' ann agus thug e—bha i, bha i smocadh—agus bhiodh e—thug e—sagart—pìob dhith. Agus nuair a thàinig i dhachaidh start i a' dèanamh an òrain dha'n phìob'.
'S mur cuala sibh gun cluinn sibh e,
Mun fhear a thug a' phìob seo dhomh,
Ged dhèanainn cron, chan innis mi dha,
'S e dìleab pìob' is buain dhomh.
[Séist:] 'S il iù o hò nam b' àill leibh e,
Deoch slàint' [an fhir o'n chinn sinn?],
'S il iù o hò nam b' àill leibh e.
Tha i làidir cumadail
Gun fàillinn, gun uireasaibh
'S e trì chinn a chumas i,
'S 'ad furast' an cur innte.
Nuair a thig na h-uaislean ann,
'S a chruinnicheas 'ad mun cuairt orm,
"A Pheigi, càit an d' fhuair thu i?
Cuir [bhuat?] is bheir dhomh fhéin i."
Ged thigeadh na h-uaislean,
'S ged a chruinnicheadh iad mun cuairt oirre,
Saoil a leig mi bhuam i,
Ged a bhualaichinn nam mìltean.
O chan eil— [BREAK IN TAPE] 'S e Mrs. MacNìll an t-ainm bh' oirre.
[John Shaw:] Sheadh.
[JAML:] Theireadh 'ad ri Bean Ailein 'ac Dhòmhnaill 'ac Dhòmhnaill ann an Christmas Island.
[JS:] 'S ann.
[JAML:] Bean Ailein mac Dhòmhnaill 'ac Dhòmhnaill.