GF114i05 ÒRAN NA PÌOBA Beulaiche: Eòs Ailean mac Ruairidh Chaluim Ghobha | Joe Allan MacLean Bàrd: Peigi Ailein Nic an t-Saoir , Maggie | Margaret (Peggy) MacKinnon (née MacIntyre) [Joe Allan MacLean:] Seann-bhoireannach air taobh a deas a' bhaighe thall an a' seo ris an canadh 'ad am Pòn Mór. Bhiodh i daonnan a' bàrdachd. Bha i glé mhath gu dèanamh òrain cuideachd. Agus chaidh i dh'àite sagairt a bh' ann agus thug e—bha i, bha i smocadh—agus bhiodh e—thug e—sagart—pìob dhith. Agus nuair a thàinig i dhachaidh start i a' dèanamh an òrain dha'n phìob'. 'S mur cuala sibh gun cluinn sibh e, Mun fhear a thug a' phìob seo dhomh, Ged dhèanainn cron, chan innis mi dha, 'S e dìleab pìob' is buain dhomh. [Séist:] 'S il iù o hò nam b' àill leibh e, Deoch slàint' [an fhir o'n chinn sinn?], 'S il iù o hò nam b' àill leibh e. Tha i làidir cumadail Gun fàillinn, gun uireasaibh 'S e trì chinn a chumas i, 'S 'ad furast' an cur innte. Nuair a thig na h-uaislean ann, 'S a chruinnicheas 'ad mun cuairt orm, "A Pheigi, càit an d' fhuair thu i? Cuir [bhuat?] is bheir dhomh fhéin i." Ged thigeadh na h-uaislean, 'S ged a chruinnicheadh iad mun cuairt oirre, Saoil a leig mi bhuam i, Ged a bhualaichinn nam mìltean. O chan eil— [BREAK IN TAPE] 'S e Mrs. MacNìll an t-ainm bh' oirre. [John Shaw:] Sheadh. [JAML:] Theireadh 'ad ri Bean Ailein 'ac Dhòmhnaill 'ac Dhòmhnaill ann an Christmas Island. [JS:] 'S ann. [JAML:] Bean Ailein mac Dhòmhnaill 'ac Dhòmhnaill.