Òran a' Churraic
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF114i04 ÒRAN A' CHURRAIC
Beulaiche: Eòs Ailean mac Ruairidh Chaluim Ghobha | Joe Allan MacLean
Bàrd: Eòin Dhòmhnaill Iain | John V. MacNeil
'S fàilt' air a' churrac
A thàinig air turas
A dh'ionnsaidh mo mhulaid
Bho 'n 's urrainn dhomh 'g ràitinn.
Séist:
'S fàilt' air a' ghille dhubh, 's fhada leam tha e
Fàilt' air a' ghille dhubh, [bho?] nach fhacas an-dé, na an-diugh
Fàilt' air a' ghille dhubh, 's fhada leam tha e .
Bha currac [gun fhortan?]
A' tighinn [air a' chostas?]
Ma bheir mi greis [chosgas?]
Thig poca no dhà air.
Nuair chuir mi mu'm cheann e
Mar bithinn a' sealltainn
Gu robh mi air chall
Gu ceann an dà [ràithe'?].
Tha muillear a-muigh 'ad
'S a' shùil air a' churraic
[Tha?] trabhailte dha 'n muilinn
Nam b' urrainn dha a [tharraing?].
Bu mhath e gu [campadh?]
Nuair thigeadh an geamhradh
Gu 'n seo [chaidh na bhroinn thu?]
'S am [boillsgeadh?] a-màireach
Cha bhithinn gun aodach
'S an currac air faodainn
Gu ruigeadh e [null?ullamh?]
[Ceann] sìos an dha 'm shàiltean
Chan eil an còrr agam dheth.