GF114i04 ÒRAN A' CHURRAIC Beulaiche: Eòs Ailean mac Ruairidh Chaluim Ghobha | Joe Allan MacLean Bàrd: Eòin Dhòmhnaill Iain | John V. MacNeil 'S fàilt' air a' churrac A thàinig air turas A dh'ionnsaidh mo mhulaid Bho 'n 's urrainn dhomh 'g ràitinn. Séist: 'S fàilt' air a' ghille dhubh, 's fhada leam tha e Fàilt' air a' ghille dhubh, [bho?] nach fhacas an-dé, na an-diugh Fàilt' air a' ghille dhubh, 's fhada leam tha e . Bha currac [gun fhortan?] A' tighinn [air a' chostas?] Ma bheir mi greis [chosgas?] Thig poca no dhà air. Nuair chuir mi mu'm cheann e Mar bithinn a' sealltainn Gu robh mi air chall Gu ceann an dà [ràithe'?]. Tha muillear a-muigh 'ad 'S a' shùil air a' churraic [Tha?] trabhailte dha 'n muilinn Nam b' urrainn dha a [tharraing?]. Bu mhath e gu [campadh?] Nuair thigeadh an geamhradh Gu 'n seo [chaidh na bhroinn thu?] 'S am [boillsgeadh?] a-màireach Cha bhithinn gun aodach 'S an currac air faodainn Gu ruigeadh e [null?ullamh?] [Ceann] sìos an dha 'm shàiltean Chan eil an còrr agam dheth.