Back to recordings

Nighean an Tàilleir

0:00
0:00 Download MP3

A’ chiad sreath | First Line

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF114i02 NIGHEAN AN TÀILLEIR


Beulaiche: Alasdair | Alec Goldie
Bàrd: Eóghann mac Eàirdsidh Sheumais , Eóghann Eàirdsidh Sheumais Dhòmhnaill 'ic Eachainn | Hugh Francis MacKenzie


…'S tha loinn oirre
Gur sunndach, cridheil, coibhneil i
On nach b' fhèarr na 'n t-saighdearachd
Bhith an coibhneas Nighean an Tàilleir.


'S e mise tha gu tùrsach
Bho 'n thàinig mi dha 'n dùthaich seo
'S nach éirich fonn no sunnd orm
Mi 'g ionndrainn Nighean an Tàilleir.


Gur mise bha gu cearbach
Nuair a chuir mi an còta dearg orm
Nach b' fhèarr 'na bhith 'san t-saighdearachd
Bhith coimhneas Nighean an Tàilleir.


'S cha shaoibh oirre, tha loinn oirre
Gur sunndach, cridheil, coibhneil i
On nach b' fhèarr nan t-saighdearachd
Bhith an coibhneas Nighean an Tàilleir.


'S ged dhùilt sibh ann nam chòirneal mi
Ged chuir sibh an àite Borden mi
Nach b' fhèarr 'na bhith 'san t-saighdearachd
Bhith an coimhneas Nighean an Tàilleir.


Nuair [sgrioste?] sinn [na Gearmailtich?]
'S e fear sin [dhuach na ceanbhaile?]
Gun atharraich sinn an t-ainm aca
Gu an t-ainm aig Nighean an Tàilleir.


'S cha shaoibh oirre, tha loinn oirre
Gur sunndach, cridheil, coibhneil i
On nach b' fhèarr leam t-saighdearachd
Bhith an coibhneas Nighean an Tàilleir.


Alec Goldie
Baile nan Éireannach | Irish Vale 10 recordings Faic pròifil | view profile