GF114i02 NIGHEAN AN TÀILLEIR Beulaiche: Alasdair | Alec Goldie Bàrd: Eóghann mac Eàirdsidh Sheumais , Eóghann Eàirdsidh Sheumais Dhòmhnaill 'ic Eachainn | Hugh Francis MacKenzie …'S tha loinn oirre Gur sunndach, cridheil, coibhneil i On nach b' fhèarr na 'n t-saighdearachd Bhith an coibhneas Nighean an Tàilleir. 'S e mise tha gu tùrsach Bho 'n thàinig mi dha 'n dùthaich seo 'S nach éirich fonn no sunnd orm Mi 'g ionndrainn Nighean an Tàilleir. Gur mise bha gu cearbach Nuair a chuir mi an còta dearg orm Nach b' fhèarr 'na bhith 'san t-saighdearachd Bhith coimhneas Nighean an Tàilleir. 'S cha shaoibh oirre, tha loinn oirre Gur sunndach, cridheil, coibhneil i On nach b' fhèarr nan t-saighdearachd Bhith an coibhneas Nighean an Tàilleir. 'S ged dhùilt sibh ann nam chòirneal mi Ged chuir sibh an àite Borden mi Nach b' fhèarr 'na bhith 'san t-saighdearachd Bhith an coimhneas Nighean an Tàilleir. Nuair [sgrioste?] sinn [na Gearmailtich?] 'S e fear sin [dhuach na ceanbhaile?] Gun atharraich sinn an t-ainm aca Gu an t-ainm aig Nighean an Tàilleir. 'S cha shaoibh oirre, tha loinn oirre Gur sunndach, cridheil, coibhneil i On nach b' fhèarr leam t-saighdearachd Bhith an coibhneas Nighean an Tàilleir.