Back to recordings

Comunn Mo Rùin

0:00
0:00 Download MP3

A’ chiad sreath | First Line

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF113i04 COMUNN MO RÙIN


Beulaiche: Alasdair | Alec Goldie



Lìon a' còrn suas gu làn
Fear as slàinte nach gann
Chuireas slàinte [mu fògradh?]
Agus ceòl [mu?] ar cainnt.


Leinn bu mhinig dhuinn bhith cridheil
Nuair a shuidheamaid mu 'n dram
Có nach òladh cuaich mar b' àbhaist
'S o na thàrladh dhuinn ann.


On a thàrladh dhuinn ann
On a thàrladh dhuinn ann
Có nach òladh cuaich mar b' àbhaist
'S on a thàrladh dhuinn ann.


Leig le comunn mo rùin
Suidhe dlùthadh mu 'n bhòrd
'S cha bhith cùram air an t-saoghal
Ach faoin a chur orinn.


Bidh ar cridhichean gun gruaim
Mar bu dual dhuinn gun smal
Ma fhuair sibh riamh [a' fóghn?] aca
Mar a dh’ fhóghnas gu' faigh


Mar a dh’ fhóghnas gu' faigh
Mar a dh’ fhóghnas gu' faigh
Ach ma fhuair sibh riamh [a' fóghn'?] aca
Mar fóghnas gu' faigh


Sliochd a' gloinne bheag chaol
Siubhal siùbhlach mu 'n bhòrd
Nuair a théid a’ ghealach sìos
Éirigh grian sgeulachd oirnn.


'S nuair a théid an time mun cuairt
Gum bi tàmh aca sin
Ach ma thuiteas sinn gun éirich sinn
Gu tòiseachadh a-rithist.


O, gu tòiseachadh a-rithist
O, gu tòiseachadh a-rithist
Ach ma thuiteas sinn gun éirich sinn
Gu tòiseachadh a-rithist.


'S eadar bonn agus àrd
Dh'òlainn slàinte na bha ruith
[O a bhuaidh a bhith 'ga màireachadh?]
Air faraige 's air tìr.


[Ghealtainn ? a nàmhaid?]
'N àm dol anns a' [chrìoch?]
Fhuair na Breatanaich buaidh oirre
Mar a b' àbhaist ga bi


'S mar a b' àbhaist ga bi
Mar a b' àbhaist ga bi
Fhuair na Breatanaich bruaidh oirre
Mar a dh'fhànas gu bi


Leig le 'n t-seann duine truagh
Suidhe suarach leis fhéin
Aig a bheil an cridhe cruaidh
'S nach pàirtich e a rùn


Gu bheil treubhan anns an t-saoghail
Cho faoin ris gach latha
'S ann an àm ruith na rail
Bidh sinn beò air a' rathad.


Bidh sinn beò air a' rathad
Bidh sinn beò air a' rathad
'S ann an àm ruith na rail
Bidh sinn beò air a' rathad.


Alec Goldie
Baile nan Éireannach | Irish Vale 10 recordings Faic pròifil | view profile