GF113i04 COMUNN MO RÙIN Beulaiche: Alasdair | Alec Goldie Lìon a' còrn suas gu làn Fear as slàinte nach gann Chuireas slàinte [mu fògradh?] Agus ceòl [mu?] ar cainnt. Leinn bu mhinig dhuinn bhith cridheil Nuair a shuidheamaid mu 'n dram Có nach òladh cuaich mar b' àbhaist 'S o na thàrladh dhuinn ann. On a thàrladh dhuinn ann On a thàrladh dhuinn ann Có nach òladh cuaich mar b' àbhaist 'S on a thàrladh dhuinn ann. Leig le comunn mo rùin Suidhe dlùthadh mu 'n bhòrd 'S cha bhith cùram air an t-saoghal Ach faoin a chur orinn. Bidh ar cridhichean gun gruaim Mar bu dual dhuinn gun smal Ma fhuair sibh riamh [a' fóghn?] aca Mar a dh’ fhóghnas gu' faigh Mar a dh’ fhóghnas gu' faigh Mar a dh’ fhóghnas gu' faigh Ach ma fhuair sibh riamh [a' fóghn'?] aca Mar fóghnas gu' faigh Sliochd a' gloinne bheag chaol Siubhal siùbhlach mu 'n bhòrd Nuair a théid a’ ghealach sìos Éirigh grian sgeulachd oirnn. 'S nuair a théid an time mun cuairt Gum bi tàmh aca sin Ach ma thuiteas sinn gun éirich sinn Gu tòiseachadh a-rithist. O, gu tòiseachadh a-rithist O, gu tòiseachadh a-rithist Ach ma thuiteas sinn gun éirich sinn Gu tòiseachadh a-rithist. 'S eadar bonn agus àrd Dh'òlainn slàinte na bha ruith [O a bhuaidh a bhith 'ga màireachadh?] Air faraige 's air tìr. [Ghealtainn ? a nàmhaid?] 'N àm dol anns a' [chrìoch?] Fhuair na Breatanaich buaidh oirre Mar a b' àbhaist ga bi 'S mar a b' àbhaist ga bi Mar a b' àbhaist ga bi Fhuair na Breatanaich bruaidh oirre Mar a dh'fhànas gu bi Leig le 'n t-seann duine truagh Suidhe suarach leis fhéin Aig a bheil an cridhe cruaidh 'S nach pàirtich e a rùn Gu bheil treubhan anns an t-saoghail Cho faoin ris gach latha 'S ann an àm ruith na rail Bidh sinn beò air a' rathad. Bidh sinn beò air a' rathad Bidh sinn beò air a' rathad 'S ann an àm ruith na rail Bidh sinn beò air a' rathad.