Back to recordings

Ùrnaigh mhadainn

0:00
0:00 Download MP3

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF109i06 ÙRNAIGH MHADAINN


Beulaiche: Peadar Alasdair Dhonnchaidh Mhóir | Peter Rankin



Bidh an aon ùrnaigh aig na Prostanaich is na Caitlich, coltach ris ["Ar n-Athair a' Tighinn Nuas."/Ar n-Athair a t[h]a air Neamh?]. Uill, tha sinn an deagh' a' fàs math a-nist. Tha sinn dol a ghabhail ùrnaigh. Tha 'n ùrnaigh a' seo—chan eil fhios có bhios 'g éisteachd ris dur a bhios mise cros air an taobh eile. Tha mi fhìn is Seumas MacAoidh agus, agus an duine uasal a tha a' toirt sìos a h-uile sian a' seo. Chan eil ann ach na triùir againn.


Ó mo Dhia, tha mi creidsinn.
Ó mo Dhia, tha mi creidsinn ann an Dia.
Tha mi a' toirt aoradh dhut agus cliù, o chionn 's gur tu chruthaich mi.
'S tu, bho'n oidhche a rinn mi, gu toiseach a' là an-diugh, le sòlas sìorraidh a chosain le m' anam fhìn, is feum math a dhèanadh dheth.
Buidheachas is toradh dhut, is taing airson sin, airson 's gur [tìodhlaic?] a bhuilich thu oirnn.
'S tu, bho'n oidhche roinhe sin, gu toiseach an là an-diugh, le sòlas sìorraidh a chosain le m' anam fhìn is feum math a dhèanadh dheth.
[BREAK IN TAPE]—gus is buidheachas is còire dhuibh, is taing airson sin, is tha thu 'gar [dialaicheadh/tiadhaicheadh?] uile, a bhuilich sibh orm, le m' smuaintean 's le m' bhriatharan is le m' ghnìomharan air an là 'n-diugh.
Tha mi tairgsinn oirbh: mo chùmail bho'n olc, mo chòmhnaidh gu math, is gun ghléidheadh tus', a Dhia, sinn, 's gun tugadh tu a dh'ionnsaidh na beatha shìorraidh sinn.
Amen.

Peter Rankin
Port Bàn | Port Ban 20 recordings Faic pròifil | view profile