A' Bheinn Mhór
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF107i03 A' BHEINN MHÓR
Beulaiche: Murchadh Ghilleasbuig Mhurchaidh | Murdoch Gillis
Bàrd: Angus Gillis
[Murdoch Gillis:] Bha nighean aige pòsta ri mo sheanmhair shuas a's a' ghleann ann a' sheo. Ach an geamhradh seo, chaidh e suas a dh'fhuireach còmhla ris a mhac aige air Beinn na' Sgitheanach. Cha robh e glé thoilichte air Beinn na' Sgitheanach—tha teansa b' fheàrr leis a bhith 'sa Ghleann.
[John Shaw:] Seadh.
[MG:] Rinn e beagan ceathramh de dh'òrain ach chan eil agam ach ceathramh no dhà dhiubh co-dhiù.
[JS:] Sheadh.
[MG:] Chan eil fhios a'm co-dhiù théid agam air cuimhneachadh air ceathramh sam bi dhiubh an-dràsda 'sa nach téid ach:
[Séist:] 'S tha mo dhùil, tha mo dhùil,
Tha mo dhùil, ri mo thilleadh,
'S a dhol sìos dha'n a' ghleann,
Far bheil m' annsachd 's mo nighean.
Tha a' Bheinn Mhór 's i cho àrd,
Sneachda bàn oirr' a' sileadh,
'S nuair a thig an geamhradh fuar,
Ó gur truagh a bhios mis' ann.
'S och, a Sheumais, bha thu cóir,
Is bha thu deònach mo thilleadh,
'S mura bithinn mar a tha,
'S ann a'd àrd aig a' mheadhan.
Chuir na gillean ['na' fear òg/thu far dòigh?],
'S thug iad leòn dhut 'nad spiorad,
'Dol a phòsadh cho òg,
'Cur clann òg dhut [MacFhionghain/mu (?)?].
Sin na 'heil cuimhn' agam dheth.