GF107i03 A' BHEINN MHÓR Beulaiche: Murchadh Ghilleasbuig Mhurchaidh | Murdoch Gillis Bàrd: Angus Gillis [Murdoch Gillis:] Bha nighean aige pòsta ri mo sheanmhair shuas a's a' ghleann ann a' sheo. Ach an geamhradh seo, chaidh e suas a dh'fhuireach còmhla ris a mhac aige air Beinn na' Sgitheanach. Cha robh e glé thoilichte air Beinn na' Sgitheanach—tha teansa b' fheàrr leis a bhith 'sa Ghleann. [John Shaw:] Seadh. [MG:] Rinn e beagan ceathramh de dh'òrain ach chan eil agam ach ceathramh no dhà dhiubh co-dhiù. [JS:] Sheadh. [MG:] Chan eil fhios a'm co-dhiù théid agam air cuimhneachadh air ceathramh sam bi dhiubh an-dràsda 'sa nach téid ach: [Séist:] 'S tha mo dhùil, tha mo dhùil, Tha mo dhùil, ri mo thilleadh, 'S a dhol sìos dha'n a' ghleann, Far bheil m' annsachd 's mo nighean. Tha a' Bheinn Mhór 's i cho àrd, Sneachda bàn oirr' a' sileadh, 'S nuair a thig an geamhradh fuar, Ó gur truagh a bhios mis' ann. 'S och, a Sheumais, bha thu cóir, Is bha thu deònach mo thilleadh, 'S mura bithinn mar a tha, 'S ann a'd àrd aig a' mheadhan. Chuir na gillean ['na' fear òg/thu far dòigh?], 'S thug iad leòn dhut 'nad spiorad, 'Dol a phòsadh cho òg, 'Cur clann òg dhut [MacFhionghain/mu (?)?]. Sin na 'heil cuimhn' agam dheth.