'S E Cuibhle na Dunaich
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF106i06 'S E CUIBHLE NA DUNAICH
Beulaiche: Eòs Labhrainn mac Iain J. 'ic Iain 'ic Lachlainn a' Bhuachaille | Joe Lawrence MacDonald
Bàrd: Somhairle Alasdair Peutan | Samuel Beaton
[Séist:] 'S e cuibhle na dunaich 's mi,
'Ga tionndadh 's chan urrainn mi,
Tha pìob agus pump aiste,
'Gar cumail o bhi bàthte.
'S ann air DiLuain a thòisich sinn,
'S e Frangaich a bha còmhla rinn;
Cha tuiginn guth dha 'n còmhradh,
Cha do chleachd mi òg an càineil.
'S na brògan a bh' aig Alasdair,
Ged fhuair mi fhín an asgaidh iad;
Chan fhaca sibh 'sa factory,
Gach fasan bh' air a sàiltean.
'S bha an té dheas is cuaig oirre,
'N té ceàrr 's chan i bu shuaraiche;
'S a' char a chuir i 'nam chruachan,
Bidh mi truagh gu là mo chàradh.
Reference sources:
An Rubha, vol. 18 no. 2 (2023), p. 17; Mac-Talla, vol. 7 no. 41 (1899), p. 328