GF106i06 'S E CUIBHLE NA DUNAICH Beulaiche: Eòs Labhrainn mac Iain J. 'ic Iain 'ic Lachlainn a' Bhuachaille | Joe Lawrence MacDonald Bàrd: Somhairle Alasdair Peutan | Samuel Beaton [Séist:] 'S e cuibhle na dunaich 's mi, 'Ga tionndadh 's chan urrainn mi, Tha pìob agus pump aiste, 'Gar cumail o bhi bàthte. 'S ann air DiLuain a thòisich sinn, 'S e Frangaich a bha còmhla rinn; Cha tuiginn guth dha 'n còmhradh, Cha do chleachd mi òg an càineil. 'S na brògan a bh' aig Alasdair, Ged fhuair mi fhín an asgaidh iad; Chan fhaca sibh 'sa factory, Gach fasan bh' air a sàiltean. 'S bha an té dheas is cuaig oirre, 'N té ceàrr 's chan i bu shuaraiche; 'S a' char a chuir i 'nam chruachan, Bidh mi truagh gu là mo chàradh.