Back to recordings

Tàladh Tarbh 'Ic Artair

0:00
0:00 Download MP3

A’ chiad sreath | First Line

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF104I03 TÀLADH TARBH 'IC ARTAIR


Beulaiche: Gilleasbuig Eòghainn Dhòmhnaill 'ic Aonghais 'ic Aonghais 'ic Iain 'ic Iain 'ic Dhòmhnaill | Archie Dan MacLellan
Bàrd: Eóghainn Dhòmhnaill 'ic Aonghais 'ic Aonghais 'ic Iain 'ic Iain 'ic Dhòmhnaill | Hughie D. MacLellan


An tarbh aig Cloinn Artair a bha shuas a' seo agus bha dithist bhràithrean ann is ’s e Aoghnas a bh’ air an-- orra ri cheile, na gillean -- agus bha piuthar [sic] aca. B’ e sin na daoine laghach. Ùna gu té agus Flòraidh. Agus bha an t-eagal uileadh ro ’n tarbh, fhios agaibh, bha e crosd’. Agus nuair a bhiodh 'ad a' cur a cadal nan cnapach a’ seo, fhios agad, bhathas a' maoidheadh an tarbh, gun tigeadh tarbh 'ac Artair agus bha an tarbh alright crosda.


Agus, chuir 'ad bòrd air, agus bhiodh e 'tighinn a-nuas air rathad bràigh’ a’ bhail' againne a' sin oir thigeadh e a-nuas pìos bha e dìreadh an aghaidh beinneadh dha’n phasture againne. Agus 's e rud uabhasach a bha 's an tarbh nuair a chluinnear gu robh e ‘tighinn!


Agus rinn m’athair ceathramhran de dh’òran dhe seo, 's ann coltach ri port-sheinn bha e. 'S start e:


An tarbh ‘ic Artair ri dìreadh na beinneadh,
Tha tarbh ‘ic Artair ri tighinn ’s am bòrd air.
An tarbh aig Ùna, aig Ùna, aig Ùna,
An tarbh aig Ùna, ’s aig Aoghnas, aig Flòraidh.


An tarbh ‘ic Artair ri dìreadh na beinneadh,
Tha tarbh ‘ic Artair ri tighinn ’s am bòrd air.
An tarbh aig Ùna, aig Ùna, aig Ùna,
An tarbh aig Ùna, ’s aig Aoghnas, aig Flòraidh.


An tarbh ‘ic Artair 's e dìreadh na beinneadh,
Tha tarbh ‘ic Artair 's e tighinn ’s am bòrd air.
An tarbh aig Ùna, aig Ùna, aig Ùna,
An tarbh aig Ùna, ’s aig Aoghnas, aig Flòraidh.


An tarbh ‘ic Artair ri dìreadh na beinneadh,
Tha tarbh ‘ic Artair ri tighinn ’s am bòrd air.


Shin e—cha robh e buileach dona.


Archie Dan MacLellan
An Camus Leathann | Broad Cove 63 recordings Faic pròifil | view profile