GF104I03 TÀLADH TARBH 'IC ARTAIR Beulaiche: Gilleasbuig Eòghainn Dhòmhnaill 'ic Aonghais 'ic Aonghais 'ic Iain 'ic Iain 'ic Dhòmhnaill | Archie Dan MacLellan Bàrd: Eóghainn Dhòmhnaill 'ic Aonghais 'ic Aonghais 'ic Iain 'ic Iain 'ic Dhòmhnaill | Hughie D. MacLellan An tarbh aig Cloinn Artair a bha shuas a' seo agus bha dithist bhràithrean ann is ’s e Aoghnas a bh’ air an-- orra ri cheile, na gillean -- agus bha piuthar [sic] aca. B’ e sin na daoine laghach. Ùna gu té agus Flòraidh. Agus bha an t-eagal uileadh ro ’n tarbh, fhios agaibh, bha e crosd’. Agus nuair a bhiodh 'ad a' cur a cadal nan cnapach a’ seo, fhios agad, bhathas a' maoidheadh an tarbh, gun tigeadh tarbh 'ac Artair agus bha an tarbh alright crosda. Agus, chuir 'ad bòrd air, agus bhiodh e 'tighinn a-nuas air rathad bràigh’ a’ bhail' againne a' sin oir thigeadh e a-nuas pìos bha e dìreadh an aghaidh beinneadh dha’n phasture againne. Agus 's e rud uabhasach a bha 's an tarbh nuair a chluinnear gu robh e ‘tighinn! Agus rinn m’athair ceathramhran de dh’òran dhe seo, 's ann coltach ri port-sheinn bha e. 'S start e: An tarbh ‘ic Artair ri dìreadh na beinneadh, Tha tarbh ‘ic Artair ri tighinn ’s am bòrd air. An tarbh aig Ùna, aig Ùna, aig Ùna, An tarbh aig Ùna, ’s aig Aoghnas, aig Flòraidh. An tarbh ‘ic Artair ri dìreadh na beinneadh, Tha tarbh ‘ic Artair ri tighinn ’s am bòrd air. An tarbh aig Ùna, aig Ùna, aig Ùna, An tarbh aig Ùna, ’s aig Aoghnas, aig Flòraidh. An tarbh ‘ic Artair 's e dìreadh na beinneadh, Tha tarbh ‘ic Artair 's e tighinn ’s am bòrd air. An tarbh aig Ùna, aig Ùna, aig Ùna, An tarbh aig Ùna, ’s aig Aoghnas, aig Flòraidh. An tarbh ‘ic Artair ri dìreadh na beinneadh, Tha tarbh ‘ic Artair ri tighinn ’s am bòrd air. Shin e—cha robh e buileach dona.