Ceathramh do dh'òran le Dòmhnall Thormaid
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF104I02 CEATHRAMH DO DH'ÒRAN LE DÒMHNALL THORMAID
Beulaiche: Gilleasbuig Eòghainn Dhòmhnaill 'ic Aonghais 'ic Aonghais 'ic Iain 'ic Iain 'ic Dhòmhnaill | Archie Dan MacLellan
Bàrd: Dòmhnall Thormaid
[Archie Dan MacLellan:] Uill, chan eil agamsa ach ceamhramh dheth.
[John Shaw:] Ó seadh. Tha sin math gu leòr.
[ADM:] Bha e 'coiseachd, 'dol sìos air trup air choireigin, gnothach, aig a' Cheap Nor [Cape North]. Agus dh'fheumadh duine an uair sin 'falbh 'ga chois. Cha robh rathad wagon ro mhath ann ach dh'fhaoidhte macraichean no duine 'ga chois. Ach co-dhiù, bha e 'fas sgìth agus shuidh e aig bonn beinneadh agus, o bha a' bheinn a' coimhead uabhasach àrd. Dìreach bhruidhinn a' bheinn leis. Agus thuirt i leis—[ciamar seo a-nise?] a thuirt e, ach an cuimhnich mi dé an dòigh, seo:
Ó sin nuair thuirt an té bu mhotha dhiubh,
'S i [durachadh/dorchadh?] a-nall,
An aithne dhut mo phiuthair-sa,
Bho'n is tu tha fuireach thall?
'S bho'n 's ainm dhi Beinn na Guiseide
'S currac duilleach air a ceann,
'S i pòsda aig Dòmhnall Ceanadach,
'S a tha 'ad gun shliochd, gun chlann.
Sin a th' agamsa dhen òran ud.
[JS:] Seadh.