Och Mar Tha Mi
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF103i01 OCH MAR THA MI
Beulaiche: Dòmhnall Nìll Eòin Mhóir | Dan Neil MacNeil
[Dan Neil MacNeil:] [Séist:] Och mar tha mi 's mi 'nam aonar,
Cianail dh'fhàg thu mi 'n-déidh do chòmhradh,
Mo chreach 's mo dhìobhail nach robh [mi 'n Ìle/mi fhìn riut?],
'S mo chruinneag dhìleas a' dol a phòsadh.
Tha mo chàirdean an imis rànaich,
Tha iad cho cràidhteach mu Iain Dhòmhnaill,
Tha iad cho cràidhteach mun 'n té a dh'fhàg e,
'S i dol [a-nall/a dh'fhalbh?] leis a' ghille [plausa/Leòdach?].
Cha tig a' bhliadhna gun tòisich [m?],
Bu mhath ri [?] cha b' fhad' a sheòl,
Bidh thus' [a' cialladh/ag èaladh?] a-mach á fianais,
A dh'aindeoin bliadhna [gach uile dona?].
Cha robh mi shìos ann, chan fhacas riamh mi,
'Ga cluinntinn riamh mar bha 'n gille [plausa?],
Chuir na lìonan air bharaill iasgaich,
'S chan eil iad tèarain'[te] air sgàth na ròpa.
'S ged a rinn thu mar a rinn thu,
Cha robh mi faighinn dhomh dad 's bu bheò mi,
Cha robh maise bha riamh air maighdinn,
Nach robh do [dhreach?] agad anns gach seòl dheth.
Chan eil 'sa ghleann gus a' faigh iad [ann e/Annag?],
Gun ghabh mi [ceann…?] meas na [foghar?],
Cha robh idir gann ann [an cuide?] fann mi,
Na bheil 'sa Ghalltachd [mar móran…?].
Team notes:
Cf. Dan MacNeil, "Och Mar Tha Mi 's Mi 'nam Ònar," Dan MacNeil singing Gaelic songs, 1985, T-1700, Side 1, 00:04:02, Beaton Institute Digital Archives Sound and Moving Image Collection.