GF103i01 OCH MAR THA MI Beulaiche: Dòmhnall Nìll Eòin Mhóir | Dan Neil MacNeil [Dan Neil MacNeil:] [Séist:] Och mar tha mi 's mi 'nam aonar, Cianail dh'fhàg thu mi 'n-déidh do chòmhradh, Mo chreach 's mo dhìobhail nach robh [mi 'n Ìle/mi fhìn riut?], 'S mo chruinneag dhìleas a' dol a phòsadh. Tha mo chàirdean an imis rànaich, Tha iad cho cràidhteach mu Iain Dhòmhnaill, Tha iad cho cràidhteach mun 'n té a dh'fhàg e, 'S i dol [a-nall/a dh'fhalbh?] leis a' ghille [plausa/Leòdach?]. Cha tig a' bhliadhna gun tòisich [m?], Bu mhath ri [?] cha b' fhad' a sheòl, Bidh thus' [a' cialladh/ag èaladh?] a-mach á fianais, A dh'aindeoin bliadhna [gach uile dona?]. Cha robh mi shìos ann, chan fhacas riamh mi, 'Ga cluinntinn riamh mar bha 'n gille [plausa?], Chuir na lìonan air bharaill iasgaich, 'S chan eil iad tèarain'[te] air sgàth na ròpa. 'S ged a rinn thu mar a rinn thu, Cha robh mi faighinn dhomh dad 's bu bheò mi, Cha robh maise bha riamh air maighdinn, Nach robh do [dhreach?] agad anns gach seòl dheth. Chan eil 'sa ghleann gus a' faigh iad [ann e/Annag?], Gun ghabh mi [ceann…?] meas na [foghar?], Cha robh idir gann ann [an cuide?] fann mi, Na bheil 'sa Ghalltachd [mar móran…?].