GF102I01N ÒRAN 'ILLEASBUIG MHACDHÙGHAILL Beulaiche: Eòs Ailean mac Ruairidh Chaluim Ghobha | Joe Allan MacLean Bàrd: Eàirdsidh Mac Iain 'ic Eachainn , Gilleasbuig Làraidh | Archie MacDougall 'S e Larry bheireadh 'ad ris. Chaidh a bhràthair a bhàthadh. Chaidh a bhràthair a bhàthadh. 'S fhad' on a bhruidhinn air, ach chan urrainn—chaidh bràthair GiIlleasbuig Dùghallach seo, chaidh a bhàthadh agus e 'dol cros a-null a Bhradaig. Agus nuair a thill e, tilleadh 'san a chaidh e fhéin is am bàta dha 'n ghrunnd. Is chual' a bhràthair seo, is start e agus rinn e òran dha. Chan eil cus feum 'san òran ach chan eil sgath diofar ann. Togaibh sibh a' fonn. Tha 'n amhach agam cho dona 's nach urrainn dhomh caoin [fhéin a chuir air?]. [JAM:] [Séist:] Hug oirinn o, cha taobh mi chlann Bho nach saoilinn thu bhith ann Hug oirinn o, cha taobh mi chlann. 'S tìm dhomh teàrnadh ri dàn [dhuinn?] Nuair a dh'fhàg sinn [sàr ?]. Gur e th' ann glé mhoch DiLuain A rinn thu gluasad bhuainn bho 'n chrann. Thu fhéin is Aonghas MacDhòmhaill An dithis bha còmhla thall. Gun deach 'ad across a' linne Cha d' rinn thu tilleadh a-nall. Dh'fhàg thu do bhràithrean gu tùrsach [?] mo ghruaidh [an fhear ann?]. [Caiptean is bàta Aonghas mòr?] 'S e dh'fhàg e thu nad aonar thall. Thug thu ruadh a bha 'nam ghruaidh Is dh'fhalbh a' ghruag a bh' air mo cheann. Dh'fhàg thu do [mhàthraichean deurach?] Dh'fhàg thu Màiri fhéin 's a clann. Òran Eàirdsidh [Larry?].