Back to recordings

Snìomh is Fighe 's Fuaghal

0:00
0:00 Download MP3

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF099_100_101i01 SNÌOMH IS FIGHE 'S FUAGHAL


Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil



Tha mi aig an àm seo dol a chur sgeulachd air clàr. 'S e sgeulachd a fhuair mi ann an leabhar; 's ann ann am Beurla a bha i air a sgrìobhadh ach bha mi 'ga h-eadar-theangachaidh mar a bha mi dol an aghaidh 'ga leughadh. 'S e sgeulachd air "Snìomh is Fighe 's Fuaigheal."
Bha tuathannach gàbhaidh math air a dhòigh ann an ceàrn, tha mi a' smaointinn gur ann do dh'Albainn a bh' ann a-réir na sgeulachd. Agus bha cuid mhór do spréidh aige agus do thuathanas. Bha roinn a fheadhainn air fastadh aige. Is cha robh aige do theaghlach ach aon nighean. Chaochail a' sin a' bhean agus 's e an nighean a bha a' cumail taighe dhaibh agus tha e coltach gu robh a' nighean, a bharrachd air a bhith maiseach, grinn anns gach nì, gu robh i dianadach, dìcheallach agus comasach, glé ealanta. Agus bhiodh i a' dol a-mach a shealltainn air na banaraich bhuaileadh a bh' aig an tuathanach, a bharrachd air a bhith 'dèanamh obair na dachaigh agus bhiodh i glé thric ri snìomh is figheadaireachd 's fuaigheal. Ach co-dhiù, fhuair an tuathanach a' seo sanais no fios air dòigh gu robh—gu robh margadh mór air crodh, gu robh 'ad 'gan reic saor ann an ceàrna agus smaointich e gun falbhadh e feuch an ceannaicheadh e crodh aig a' faidhir no an ceannachd saor a bha seo.
Agus nuair a ràinig e an t-àite tha coltach gun do shealbhaich an gnothach leis gu fìor-mhath. Bha cuid mhór do dheagh spréidh 'gan reic aig an àite sin agus bha iad saor. Cheannaich esan na bha bhuaith' a cheannach agus fhuair e iad aig deagh phrìs tha e coltach is bha e glé thoilichte. Is bha cuid eile do thuathanaich ann mar an ceudna a thàinig dh'ionnsaidh a' mhargadh a bha seo agus fhuair iad fhéin ceannach a dhèanamh a bha a' còrdadh riutha fìor mhath. Is leis gun d'fhuair iad air n-aghaigh cho math 'san ùine cho goirid 's ann a chuireadh iad seachad tacan beag dhe'n ùine ann an taigh-òsda. Agus tha mi cinnteach gun d' fhuair iad dileag do leann no rudeigin a chuir an teanga gu gluasad nuair a bha iad a' suidh' ann a' sin is bha iad a' seanchas. Agus thòisich iad air còmhradh ma dhéidhinn an teaghlaich, ma dhéidhinn an gillean 's an nigheanan is mar a bha gnothaichean a' dol. Is chanadh tuathanach, "Tha mo mhac-sa uabhasach math gu obair air an àite, cùramach agus deiseil."
Agus chanadh fear eile, "Ged nach eil mo nighean-sa na nighinn uabhasach àlainn, tha i fìor mhath gu obair anns an dachaigh."
Is lean iad air an gnothach a' dol 'san t-seanchas sin gus an do dh'fhàs an tuathanach coma dhe a bhith 'g éisteachd riuth' buileach mu dheireadh agus thuirt e, "Ah," ars esan, "tha mo nighean-sa maiseach, eireachdail agus chan e sin uile gu léir," ars esan, "a mathas, ach tha i cho dianadach is cho math gu obair agus a làmh cho math air a' ghnìomh. Tha i," ars esan, "cho ealanta agus gu faodadh i tòiseachadh air snìomh anns a' mhadainn agus dar a bhiodh i réidh dha 'n t-snìomh a-null anmoch 'sa' latha, thòisicheadh i air fighe agus dh'fhigheadh i na bha aice do shnàth air a shnìomh. Agus dar a bhiodh sin réidh, thòisicheadh—ghearradh i agus thòisicheadh i air fuaigheal. Agus a's a' mhadainn a-maireach bhiodh éideadh agad deiseil a chuireadh tu air do chom."
Uill sguir a' seanchas aig a' sin, cha robh an còrr do bhruidhinn air cho math na cho maiseach a bha na h-ighneanan is na gillean aca. Ach co-dhiù, thàinig an tuathanach dhachaigh agus dh'fhaighneachd a nighean dha gu dé mar fhuair e air n-aghaidh. Ó thuirt e gun d' fhuair e air n-aghaidh glé mhath. Agus dh'inns' e mar a thachair, mar a bha e 'san taigh-òsd' is mar a thuirt e. Agus, "Saoil," ars ise "a' robh e iomchaidh dhuibh-se a' leithid sin a chantail ma m' dhéidhinn-se idir a's an taigh-òsda?" Ach cha do—cha do chuir e móran dragh oirre, cha do rinn i trod no aimhreit sam bith mu dhéidhinn. Cha chuireadh rudan beaga dragh oirre co-dhiù.
Ach mar a thuirt iad, a' naidheachd a bhios a' falbh o bheul gu beul, siùbhlaidh i nas luaithe na dh'fhalbhas naidheachd le teachdaire Rìgh. Agus chaidh a' naidheachd mun cuairt mu sgaoil air gach duine 's gach àit'. Is ma dheireadh, chual' a' Rìgh fhéin a' naidheachd. Agus chuir e fios air nighean an tuathanaich.
Ràinig nighean an tuathanaich àite a' Rìgh agus thuirt e gun cual e sgeula ma déidhinn. Agus, "Feumaidh tu," ars esan, "air an ath-chola-deug ás deoghaidh a' chola-deug seo, tighinn ann a' seo a dh'ionnsaidh a' chaisteil agus a' chùis sin a dhearbhadh. Agus bidh sinn," ars esan, a' feuchainn ri tuilleadh fhaighinn feuch an téid acasan air sin a dhèanamh agus ge b' e có nì e, gheobh iad duais mhath air a shon."
Ach dh'fhalbh i dhachaigh agus bha i a' smaointinn gur ann a b' fheàrr dhi dhol far an robh a' Rìgh agus an fhìrinn innse nach robh ann ach ròlaist a rinn a h-athair suas. Ach smaointich i sin, na rachadh i far a' robh a' Rìgh agus seo innse dha gum biodh diombadh mór air a' Rìgh gun do rinn an duine a' leithid seo do naidheachd suas. Agus ma dh'fhaoidte gun—gun dèanadh—gun cuireadh e pianas air air a shon, gum feumadh an duine fulang air a shon, is co-dhiù choisneadh e diombadh a' Rìgh. Agus bha i a' smaointinn gur ann—gur dé ghabhadh dèanamh.
Rinn i suidhe goirid dha 'n teallach agus bha i a' bruidhinn rithe fhéin gu dé idir a bha i dol a dhèanamh, "Gu dé a's urrainn dhomh dhèanamh? Agus gu dé an dòigh a th' agam air tighinn ás a' chùis tha seo?" Is bha cat mór na chadal taobh an teine is leum e suas 'na sheasamh.
Agus, "An còrdadh e riut buidseach a dhèanamh?" ars' an cat.
"An tusa a bhruidhinn, a Thòmais?" ars' ise.
"Is mi," ars' esan, "tha sin comasach dhomh nuair a thogras mi fhìn bruidhinn is ris a' neach a thogras mi fhìn bruidhinn ris."
"Ó cha chòrdadh e riumsa buidseach a dhèanamh idir na bhith ri buidseach."
"Ó bha a' bharail sin agam air a' ghnothach," ars an cat. "Ach ged a bha sin mar sin," ars esan, "càit a' robh seann-chat riamh a bha féin-mheasail nach robh eòlach air bana-bhuidsichean an àiteigin? Agus 's ann as fheàrr dhomhsa bhith falbh fiach gu dé a sealbh a bhios orm."
Is dh'fhalbh an cat, thog e rithe. Is dh'fhuirich e air falbh an oidhche sin 's an làrna-mhàireach agus an ath-oidhche. Ach air an ath-latha ás a dheoghaidh sin, nuair a bha càch air a dhol a-mach a dh'obair air an tuathanas, chuala i sgròbadh aig an dorus. Dh'fhosgail i an dorust agus thàinig an cat a-staigh is bha e gu math giobach, peallach an deòghaidh na chaidh e roimhe, bha coltas braoisg air aghaidh gu robh e toilichte. Agus chaidh e suas agus chaidh e 'na shìneadh taobh an teallaich is thuirt e, "Leigeadh tu cead dhomhsa cadal gus an togar mi dùsgadh." Agus bha e ann a' sin gus an do dhùisg e a-null an tacan a dh'oidhche is bha an taigh air a dhol gu tàmh anns an àm a bha sin.
"Bidh sinn a-nist," ars' esan, an cat, "a' falbh, feuch gu dé sealbh a bhios oirnn."
Agus rinn i—thog ise oirre is dh'fhalbh i fhéin is an cat, is bha an cat a' coiseachd air a shocair air thoiseach oirre 's i 'ga leantail is chaidh 'ad thro monadhan [monaidhean] 's thro àiteachan fiadhaich is àiteachan eile, is thàinig 'ad thro—gu gleann fada, caol, agus choisich 'ad sìos thron ghleann a bha sin gus an d' thàinig 'ad gu iomall creigeadh. Agus a-staigh aig iomall na creigeadh, bha dithist do bhana-bhuidsich ann a' sin, agus bha 'ad ri 'g obair ri [dorghan?] do rann air choireign, [dar?] a bhiodh seinn, no gu dé a bh' ann, cha tuigeadh aon ach 'ad fhéin e co-dhiù
Agus nuair a fhuair an cat gun do rinn 'ad—gun d' fhuair e fàth, "Seo," ars' esan, an cat, "an neach a bha mise a' còmhradh ribh mu dheidhinn, agus thug mi ann a' seo i airson buidseachd fhaotainn."
Choimhead té aca air an nighean an tuathanaich, agus thuirt i, "Gu dé seòrsa buidseachd a bhiodh a dhìth ort? An e buidseachd a mhaireadh uair no a mhaireadh là no na mhaireadh mìos no na mhaireadh bliadhna?"
Smaointich nighean an tuathanaich. Buidseachd a mhaireadh uair, no là, cha robh sin ach goirid. Is dé feum biodh innte nan teirg—nam biodh feum oirre na b'fhaide na sin? Agus buisdeachd a mhaireadh bliadhna, ma dh'fhaoidte gum biodh sin tuilleadh is fada, cha robh feum oirre. Agus thuirt i "O," ars' ise, "bu toil leamsa buidseachd fhaighinn a mhaireadh fad 's a bhiodh feum oirre."
"Ma-tà," ars' ise, té dha na bana-bhuidsichean, "bi buidseachd sin nas cosgaile na càch, agus bi cùmhntan oirre.
Co-dhiù, dh'aontaich nighean an tuathanaich gur e sin—ann mar sin a bhitheadh.
"Ma-tà," ars' i—ars' a' chiad té dha na bana-bhuidsichean, "tha mise 'g iarraidh dà sguab nach deachaidh riamh air làr. Dà sguab sguabaidh nach deachaidh riamh air làr."
Agus o, smaointich an nighean gu rachadh aice air sin fhaotainn furasta gu leòr. Agus "Seadh," ars' ise.
"Agus," ars' ise, an té eile is i freagairt, "tha mise ag iarraidh dà searrag bheag do dh'uisge às an tobair nach do shoillsich grian riamh air."


Smaonitich i air an, air an—gu rachadh aice air sin fhaighinn agus thuirt i gum biodh—robh sin ceart gu leòr.
Fhreagair a' chiad té a-rithist. "Agus tha mise," ars' ise, "ag iarraidh dà bhonn airgeid à pòca balach na ceàird nach deachaidh a [mhilleadh/mheinneadh?] no [shuaineadh?]. Dà [?] òr—dà bhonn airgid, gun fhios [bh]i aig' air," 's e thuirt i, "gun fhios [bh]i aige fhéin gu robh 'ad 'ga dhìth."
"Dh'fhaodadh sin a bhith," ars' an cat.
Agus thuirt an uair sin an té mu dheireadh, "An dà," ars' ise, "tha mise ag iarraidh dà fhàinne òrach nach deachaidh a [shuaineadh?] no a [mhilleadh/mheinneadh?]."
"Cha ruig thu leas [bh]ith coimhead orm-sa," os' an cat, 's e tionndadh ri nighean an tuathanaich. "Seo do roinn-sa ri dheanamh."
Ach co-dhiù, dh'fhalbh 'ad. Thog 'ad rithe. Agus thuirt an cat dar a chaidh 'ad—thog 'ad rithe pìos. "Chan eil mise," ars' esan, "a' dol dhachaigh a-nochd. Cùm thusa romhad dhachaigh, ach chan eil mise 'dol dhachaigh idir. Tha turas eile agam-sa ri dheanamh."
Co-dhiù, chùm an nighean an tuathanaich oirre dhachaigh agus dh'fhalbh an cat, 's shiùbhail e gus an d'thàinig e far a' robh na ceàird a bha a' cur suas airson na h-oidhche. Agus co-dhiù ghabh e suas far a' robh seòrsa do champ aig na ceàird, no mar a bheir na Beurla, tinkers. Agus shiùbhail e mun cuairt, 's bha balach na shìneadh ann a' sin na chadal, 's bha an cat a' dol mun cuairt, 's tha mi cinnteach gun d' fhuair e fàileadh nam buinn airgid às a' phòcaid no [do rudeigin?] agus thòisich e air a shocair air imlich pòc' a' bhalaich, agus imlich 's a rachadh sìos air, a' chnàmh 's air a' cagnadh air a shocair, cho fàilidh 's a b' urrainn dha. 'S air a fhuair e am poc' a shracadh, bhuail e spòg air a' bhalach, 's chaidh na h-ìnean ann gu domhainn. Is leig e le—leum na sheasamh agus [?] éigh ás. Agus a's an àm, nuair a dh'éigh e, no a leum na—suas na sheasamh, thuit na buinn airgid a bha na pòcaid às, 's thuirt 'ad sìos air làr. 'S thòisich e air an trusadh, siùbhail mun cuairt. Agus a's an àm, bha an cat cho fial, falachaidh, 's fhuair a dhà dha na buinn airgid a sgobadh leis. Agus dh'fhalbh e.
Ach co-dhiù, thàinig ise dhachaigh. Agus a's a' mhadainn, chuala i sgròbadh aig an dorast. Agus dh'fhosgail i doras, thàinig an cat a-staigh, 's leum e suas air a' bhòrd 's dh'fhosgail e bheul is thuit an dà bhonn airgid air a' bhòrd. Thog i an dà bhonn, 's chuir i a's a' phreas 'ad.
Ach thog i leatha [?] an uair sin tuadh bheag, agus sgian mhór, agus thug i suas a' choille oirre. Agus ghèarr i dà shlat chaol a bhiodh—coltach a bhiodh freagarrach airson samhach sguab. Agus chuir i 'ad sin suas air a druim. Bha dòigh ceangail aice orra suas air a druim oirre 's nach beanadh 'ad dha 'n làr. Agus dhìrich i an uair sin suas ann an craobh agus bhuain cuid mhór do shlatagan beaga, mar gasan caola do bheithe no do bheech, agus chuir i pasg air a' sin agus cheangail i sin air a druim is thàinig i a-nuas, thàinig i dhachaigh leis a' sin. Agus fhuair i snàth agus chuir i cuid dha na bioran sin mun chuairt air fear dha na maidean agus cheangail i sìos 'ad teann cruaidh leis an t-snàth, agus rinn sin sguab bheag laghach. Agus chuir i a' sguab sin suas a's a' phreas agus rinn i sin an té eile réidh.
Chaidh i an uair sin is fhuair i dà searrag bheag. Is bha taigh beag a-mach an taca ris—ri taigh an tuathanaich, far am biodh 'ad a' cumail tughadhannan is sàibh agus uidheamanan obrach dhe 'n gach seòrsa, 'ga sin. 'S an deaghaidh dhabh an taigh sin a thogail, chladhaich 'ad tobar gu h-ìosal ann an oisinn an taighe, na bhroinn, agus bha sin làn uisge, is cha do shoillsich grian riamh air an usige a bha 'san tobar sin. Is chuir i an dà shearrag fo cleòc agus ghabh i a-mach agus lìon i na searragan a's an tobar a bha sin, agus thàinig i 'staigh, agus chuir i 'ad sin 'sa phreas.
Ach bha i na suidhe aig an teine, agus—teallach—'s bha i a' smaointinn gu dé a-nisd a bha i 'dol a dheanadh, càit an gabhadh na fàinneachan òrach nach deachaidh a [mhilleadh/mheinneadh?] no [shuaineadh?] fhaotainn. Bha an cat na cadal, tha mi cinnteach gu robh e coma gu dé rachadh a dhèanamh tuilleadh. Ach co-dhiù, dar a bha i cìreadh a gruaigeadh thuit ròinean far na cìr agus stad e air a glùn, agus chaidh e suas na [chuaileig?] chruinn. 'S bha an teine boillsgeil a' gabhail a's an teallach agus bha—'s e falt òr-bhuidhe a bh' oirre, is thug i an aire gu robh, gu robh an ailbheag a bha seo cho buidhe, coltach ris an òr. Agus smaoinich i, "Seo agad rud a dheanadh a' fàinne". Agus thoinntich i suas—rinn i fàinne dheth seo, agus thug i ròineag eile às a ghruaig is rinn i fàinn' eile ri 'n fhear sin. Agus chuir i 'ad sin 'sa phreas.
Ach co-dhiù, bha a h-uile sìon dheth sin deiseil aca, agus nuair a chaidh a h-uile sìon gu tàmh, a thug gach aon orra a chadal is bha a h-athair a dhol gu tàmh, thog i fhéin 's an cat rithe. Agus ràinig 'ad an t-àit' a's a' robh na buidsich aig oir na creigeadh. "Tha sinn a' seo a-rithist," ars' an cat. "Agus tha sinn ag iarraidh na buidseachd."
"O, gabh air do shocair," arsa té dheth na bana-bhuidsichean, "na bi cho cabhagach." Ach cha do chòrd seo ris a' chat idir. Ach cha robh àrach air co-dhiù.
"Thuirt sinn," ars' ise, an té eile, "gum bitheadh a' bhuisdeachd seo na bu chosgaile na càcha. Agus chan eil e comasach dhuinn," ars' ise, "falbh às a' seo. Agus uime sin," ars' ise, "feumaidh sibh fhéin na rudan a bhios a dhìth oirnn fhaotainn."
"Glé cheart," ars' an cat. "[Cluinneamaid?] an còrr dheth."
"Agus tha sinn," ars' ise, té dhiubh, "ag iarraidh trì sacan do [chlòimh a' chluarain?] air a bhuain ri dorchadas na gealaich."
Agus "Seadh." ars' an cat.
Agus fhreagair an té eile, "Is tha sinn ag iarraidh trì sacan do dh'fhodar eòrna far lotadh bàthach an fhear-[theagaisg?], gun fios [bh]ith aige air gun d'thugadh às."
"Seadh." Ars' a nighean.
Agus thuirt an té eile, a' chiad té, "Agus tha sinn ag iarraidh trì bioran droigheann far an tom dhris a tha mu choinneamh an taigh [theagasg/shagairt?]. Agus tha 'ad ri bhith air am buain nuair a tha an tìm air a' bualadh meadhan oidhche."
Co-dhiù, thill 'ad dhachaigh agus air an oidhche—an ath oidhch'—dh'fhalbh 'ad ri dorchadas na gealaich. Agus chruinnich 'ad tri sacan do clòimh a' chuaran, 's tha mi cinnteach gu robh obair gu math doirbh air a' sin fhéin. Agus dh'fhalbh 'ad an uair sin agus chaidh 'ad suas gu lobhta bàthach an fhear-[teagasg?] agus lìon 'ad trì sacanan beaga do dh'eòrna, do dh'fhodar eòrna far lobhta na bàthaich. Chaidh 'ad an uair sin sìos agus bha 'ad mu choinneimh an taigh [theagasg/shagairt?] aig an tom dhris gus a' robh an tìm air a' bualadh meadhan oidhche, nuair a bha uair a' mheadhan oidhche ann. Bhuain 'ad trì stoban dhe 'n droigheann. Agus thug 'ad leotha sin.
Agus chaidh 'ad gu tàmh, agus air an oidhche—an ath oidhche—dh'fhalbh 'ad gu àite far a' robh na bana-bhuidsichean. Agus nuair a ràinig 'ad shuas, thugadh na trì sacan do chloinn [a' chaon? rinneadh?] dhaibh, agus thugadh na trì sacan do dh'fhodar an eòrna dhaibh, agus na trì bioran droigheann no na dris, mar a thogras sibh.
Agus chuir 'ad na trì sacanan, chuir 'ad 'ad ann am poit, no ann an soith—rudeigin—is bha 'ad—bha tein' aca fodha sin is bha 'ad ri [draghadh?] air no ri seinn rudeigin 's a cantail rudan neònach 's a dol mun chuairt air a' sin. Agus nuair a bha an ùine—nuair sin—'s an ùine aige sin suas, thog 'ad, thog 'ad trì sacanan clòimh ás a' phoit, agus shìn 'ad sin dha 'n nighinn. Chuir 'ad an uair sin, chuir 'ad [clòimhneach?] nan cuaran anns a' phoit agus bha 'ad ris [achd?] ceunda 'dol mun chuairt, agus nuair a bha 'ad réidh dheth sin, thug 'as às trì sacanan beaga do lìon, mar a bheir 'ad 'sa Bheurla, flax. Is bha e cho eireachdail 'sa chunnacas riamh a's a' rìoghachd.
Agus chuir 'ad na trì bioran droigheann anns a' phoit, agus bha 'ad a' dol mun cuairt air a' sin, agus thug 'ad às an uair sin trì snathadan [cruathach?], cho biorach agus cho grinn 's a chunnacas riamh a's a' cheàrna.
"Agus a-nist," arsa té aca, "nuair a théid thusa dha 'n chaisteal, suidhichidh tu a' chuibheall-shnìomh' agus cuiridh tu—tòisichidh tu air ceann na clòmhadh a tha 'san [tac?] a chuir dhe 'n chuibheill, agus falbhaidh a' chuibheall sin cho luath 's nach [?] ann ach—gann gum faic thu 'falbh i. Agus nuair a theirgeas i, bheir thu dhi a' snàth, agus cuiridh tu an ath sac ann. Agus nì i an dòigh cheunta. 'S nuair a bhios a' snàth sin agad air—far na cuibheall, chuiridh tu an ath sac ann. Agus nì thu an dòigh cheudna air a' lìon. Agus nì thu—bidh snàth agad dheth sin. Agus nuair a bhios tu—nuair a bhios a' snàth agad deiseil, 's a chuireas tu an dlùth 'sa bheart, cuiridh tu ceann an t-snàth a's a' spàl, agus cuiridh tu i 'staigh, stiùiridh tu i 'staigh anns an t-sùil anns an aodach, anns an dlùth. Agus tòisichidh i air falbh air ais 's air n-aghaidh, agus ma dh'fhaoidte nach fhaic thu i falbh leis cho luath 's a bhios i. Agus fad 's a chumas tu snàth rithe, nì i fhéin an obair. Nuair a bhios an fhighe réidh agad, geàrraidh tu an t-aodach, agus cuiridh tu an t-aodach—aodaichean air a' bhòrd. Is cuiridh tu an snàth, bidh còrr snàth agad co-dhiù, cuiridh tu snàth 'sa h-uile snàthaid, agus stobaidh tu 'san aodach i, 's chan fhaic thu tuilleadh 'ad a' falbh, nì 'ad fhéin a' fuaigheal." Agus "Ach," ars' ise, "tha cùmhntan, thuirt mi riut gum bi cùmhntan air a' gnothach cuideachd."
O, throid an cat, cha do chòrd e ris idir, bha—agus "O," ars' ise, té dhiubh, "chan eil agad an dàrna cuid," ars' ise, "an cùmhntan, neo gun an gnothach bhith agad ris a' chùis a th' ann."
"O," ars' ise, an nighean, "tha mise 'son a' chùmhntan a chluinntinn."
"Uill, 's e na cùmhntan a th' ann," ars', ars' an téile, "nach bruidhinn thusa, nach can thusa facal ri duine sam bith bho 'n a théid thu 'staigh ann an caisteil a' rìgh gus an tig thu a-mach. Gus am bi a' gnothach seachad."
Agus "Glé cheart, gabhaidh sin deanamh," ars' ise.
"Agus a-nis," arsa té eile dhe na buidsichean, "bidh sinn a' falbh." Agus shìn i té dheth na sguaban dhe 'n té a bha—dhe 'n a bhana-bhuidseachd eile. Agus shìn a' bhana-bhuidseachd sin dhith, shìn i dhi teth dha na searragan uisge. Agus shìn ise an bonn—fear dhe na buinn airgid a chaidh thoirt à poca balach nan ceàrd dhi air n-ais. Agus shìn an té eile dhith fear dhe na fàinneachan òrach nach deachaidh a [mhilleadh/mheinneadh?] no [shuaineadh?]. Chuir i a' fainne air a meur is rinn a' chiad té a leithid eile. Agus shuath 'ad—gach té aca—am bonn airgid a bha seo ris—ri samhach na sguab, no cas na sguab mar a bheireadh 'ad an cumantas. Agus chrath 'ad an uair sin an t-uisge a bh' a's na searragan air a' sguab, 's leum gach té aca air na sguaban mar a rachadh duine ann an dìollaid, agus thug 'ad an iarmailt orra is chan fhacas is cha chualas tuilleadh cà' an deachaidh 'ad.
Ach co-dhiù, thàinig an cat dhachaigh, 's thàinig an nighean dhachaigh agus nuair a thàinig—bha là aca ri dhol gu àit' a' rìgh, bha e tighinn. 'S bha fios air a chuir air feadh na dùthchadh air fad. Is bha feadhainn ann a bha dol a thighinn a chuir [sgeul/speal?] riuth. Agus co-dhiù, bha an gnothach air a'—naidheachd air a dhol mun chuair mu dheidhinn an té a bha seo, mar a rachadh aice air an uimhir seo a dheanamh a's an ùine cho goirid. 'S cha robh ann ach dithis eile a [bhean?] ri feuchainn ris a' gnothach idir.
Ach co-dhiù, nuair a thàinig 'ad gu àit' a rìgh, a-measg a h-uile duine eile a bh'ann, bha mac rìgh, no mac duine uasal, fear beartach air choireign, do dhuine òg, eireachdail, agus bhruidhinn e ris an nighinn. Is cha do fhreagair i idir e. Is dh'fhoighneachd e dhi am pòsadh i e. Is cha do fhreagair i idir ach chaidh i an dàrna taobh, ach bha e furasta gu leòr dhi fuireach na tosd. Bha an tuathanach a' bruidhinn gun stad. Cha robh e ach a' bruidhinn ris a h-uile duine, agus bha e 'toirt air fhéin a' creidsinn gu robh a rud a bh'ann fìor. Agus lean e air seanchas ris a h-uile duine mar a bha tighinn. Ach an ceann greiseadh fhuair a' fear seo cothrom agus dh'fhoighneachd e a-rithist dhe 'n nighean am pòsadh i esan, 's dh'fhalbh i an dàrna taobh. Cha do fhreagair i idir e.
Ach co-dhiù, chuir 'ad seachad an oidhche anns a' chaisteil, agus a's a' mhadainn, chaidh an triùir aca a chuir ann an seòmbar, a h-uile té ann an seòmbar i fhéin, agus sacanan clòimheadh agus cuibhle-shnìomh is goireasan chuireas beart a chuir a-staigh, agus a h-uile sìon a dh'fheumadh 'ad airson—airson a gnìomh a bha ri dheanamh. Agus chaidh biadh gu leòr a chuir a-staigh dhaibh air truinnsear mór na dheanadh an dinnear agus a' suipear. Uill, bha aca ri tighinn moch 'sa mhadainn a' làrna-mhàireach co-dhiù. Ach co-dhiù, nuair a chaidh ise staigh 's a ghlas i an dorast 's a chuir i a h-uile sìon an òrdadh, shuidhich i a' chuibhle-shnìomh agus chuir i a' chlòimh an to—thòisich i air [oir?] na clòmhadh a' leigeil airson na chuidheall-shnìomh, agus neo-ar-thaing nach do thòisich a' chuibheall air falbh. Agus lean i air falbh mar sin gus a robh na bha sin do shnàth—do chlòimhe—air a shnìomh agus chuir i sin an sac eile, fhuair i a' chlòimh agus chuir i sin ann, agus lean i air cuidheall a' snìomh. Agus bha snàth a bha sin, bha e air a dhath, mar a bha e 'tighinn às a' chuidheall. Agus nuair a theirg a' sac sin, chuir i an treas sac ris a' chuibheall-shnìomh agus bha i a' falbh na bu luaithe an uair sin na b' àbhaist dhi. Agus nuair a bha an treas sac clòmhadh deiseil, shuidhich i an uair sin a' sac a's a' robh lìon, fear dha na sacan a's a' robh lìon, agus thòisich a' chuibheall air snìomh. Agus tha mi cinnteach gun do thòisich i fhéin air cuir deilbh 'sa bheart airson a faighinn deiseil, agus nuair a bha na trì sacanan do lìon air a' snìomh, snàth lìn a' sin cho eireachdail 's a chunnachas riamh 'san dùthaich, bha àm na dìnnearach ann, agus leig i a h-uile sìon gu tàmh.
Agus ghabh i fhéin pàirt dhe 'n bhiadh, leth dhe 'n bhiadh a bh' air an truinnsear mhór a bha sin agus chuir i còmhdach fairis air a' chòrr is ghléidh i an dàrna taobh e. Agus bha—thòisich i air faighinn deiseil airson fighe, 's nuair a bha an deilbh réidh, chuir i snàth 'sa spàl, agus thòisich a' spàl air falbh air ais 's air adhart 's chìtheadh i air éiginn i a' falbh is a' tilleadh. Ach lean sin air dol air n-aghaidh gus a' robh na bha aice do shnàth clòmhadh uile air fhighe, ach tha mi cinnteach còrr beag a bhiodh ann airson fuaigheil. Agus shuidhich i a' bheart air n-ais agus chuir i snàth lìn anns a' bheart agus mar a rinn i air a' chòrr, chuir i snàth anns a' spàl agus thòisich a' spàl air falbh air ais 's air n-aghaidh is chan fhaiceadh i idir i. Agus nuair a bha sin réidh uile gu léir, a h-uile greim dhe 'n aodach 's dhe 'n lìon air fhighe, bha an uair sin àm na suipearach ann, agus an còrr a dh'fhàg i air an truinnsear mhór aig àm na dìnnearach, dh'ith i sin air a suipear. Agus gheàrr i an uair sin an t-aodach, agus chuir i na snathadan gu obair nuair a bha sin deiseil agus thòisich na snathadan air fuaigheal, is cha ghabhadh 'ad idir faicinn, cha robh 'ad ach a' falbh 's gun faicinn idir. Agus nuair a bha an obair réidh, chaidh i a chadal. Agus air a dhùisg i 's a dh'éirich i 'sa mhadainn tràth, bha féileadh beag aice deiseil dha 'n rìgh, dhe 'n bhreacan dùthchail aige fhéin. Agus bha triubhas bhrèagha aice agus seacaid, agus bha léine aice dha cho snasail 'sa chuir rìgh na uasal no cumanta riamh ma dhruim. Agus air a thàinig a' seirbheiseach dh'ionnsaigh doraist an t-seòmbar 's a bheat e aig an t-seòmbar feuch a' robh i na dùsgadh, shìn i dha a h-uile sìon agus cha do thuirt guth ach shìn i a h-uile sìon dha agus dh'fhalbh e leis sìos leis an aodach a bha seo, is cabhag uabhasach is ràinig e far a' robh a' rìgh. Agus air a chunnaic a' rìgh a' rud a bh' ann, ghabh e a leithid do dh'ìongadh 's chaidh e dhe 'n t-seòmbar agus chuir e air e, chuir e uime an deise do dh'aodach a bha seo agus ghabh e a-mach a shealltainn dha 'n t-sluagh a bha mun chuairt uile gu léir an t-éideadh ainmeil a bh' aige a chaidh a dhèanamh dha a-raoir, agus bha e cho leòmach às a' gnothach a bh' ann, cho bòsdal. Is chaidh e—bha a h-uile rud air a dhol air, car air dìochuimhne, is bha a leithid do dhol air n-aghaidh a-muigh mun chuairt, cha robh smaointinn air sìon. Ach dh'éirich ise, thàinig an t-acras oirre is dh'éirich i, agus thàinig i a-nuas. Agus cha robh duine 'staigh, bha 'ad uile a-muigh, air a dhol a-mach a choimhead air a' gnothach a bh'ann, a' rìgh leis an fhéileadh air-san agus e sealltainn dhaibh an aodach rìomhach 's a léine 's a h-uile rud a bh' ann.
Fhuair ise truinnsear, 's ghoirt i brochan ann, no rudeigin 's shuidh i aig a' bhòrd 's thòisich i air a biadh a ghabhail, agus cò thàinig a-staigh ach am prionnsa òg agus shuidh e—chaidh e suas ionnsaigh a' bhùird far a robh i is shuidh e ri taobh. Agus thuirt e rithe, "Dh'iarr mi—dh'fhoighneachd mi dhìot dà uair am pòsadh tu mi, agus cha do fhreagair thu. Tha mi faighneachd dhìot aon uair eile, am pòs thu mi, agus mura freagair thu air an turas seo, tha mi 'falbh, agus chan fhaic thu mise gu bràth gu tuilleadh."
"O, pòsaidh mi thu." ars' ise.
Agus "Glé cheart." ars' esan.
Smaoinich i seo gun do rinn i ceàrr, cha robh aice ri bruidhinn gus—fhad 's a bhiodh i a' bhroinn a' chaisteil. Ach smaointich i an uair sin air a' chùmntan a bh'ann, gun do dh'iarr ise buidseachd fhad 's a bhiodh feum oirre, agus cha robh feum air a' bhuidseachd tuilleadh, bha an obair dèante. Ach cha robh—bha an gnìomh dèante. Agus dh'inns i dha an uair sin mar a thachair. O, thuirt e gu robh sin, gu robh a' chùis sin math gu leòr, nach bite 'g ràdhainn sìon mu dheoghainn. Ach co-dhiù, bha an ùpraid 's a' rud a bh' ann 'dol mun chuairt ach mu dheireadh smaointich 'ad air an dithist eile, gu robh dithist eile ann a bha—[BREAK IN TAPE]—co-dhiù am measg na h-ùpraid 's a' dol air n-aghaidh a bh' ann, 's bha a h-uile duine, a leithid do dh'ìognadh 's dh'annas aca is bhathar a' dol mun chuairt, mu dheireadh smaointich 'ad air gu robh dithist eile a ghabh pàirt a's a' gnothach a bh' ann, agus dh'fheumte coimhead feuch gu dé mar a chaidh dhaibh. Agus air a chaidh 'ad suas, dh'fhosgaladh dorast seòmbar a's a robh té dha na h-igheannan is bha i dìreach réidh dhe 'n snìomh, an deaghaidh a bhith fad a' là is fad na h-oidhche ag obair air. Ach bha an té eile na suidhe air stòla agus i caoineadh, thuirt i nuair a chunnaic i na bha roimhpe ri dhèanamh agus cho duilich 's a bha an gnothach gun do chaill i a misneachd buileach glan. Is o, thuirt a' rìgh gu robh e coma co-dhiù, gu robh sin math gu leòr bho 'n do dh'fheuch 'ad, bho 'n a bha 'ad cho math 's gun do dh'fheuch 'ad ged a dh'fhàilich orra, gu robh e [?] dhaibh. "Agus tha mi dol," ars' esan, "'gur cuir dhachaigh. Ach chan eil mi 'gur dhachaigh falamh." Agus thug e [sìona? skein?] do snàth dhaibh, dhe 'n dithist aca, agus thuirt e ruitha gum faodadh 'ad a-nist a' dol dhachaigh.
Ach bha duais mhór aig an té a rachadh aice air a' seo a dhèanamh. Agus chaidh a duais a thoirt dhi-se, tha mi cinnteach ann an òr agus an airgead. Agus bha 'ad mun chuairt làithichean anns a' chaisteal, agus chaidh a chuir mu—air bhonn an uair sin bho 'n a thuirt am prionnsa bha seo gu robh e fhéin is an nighean an tuathanaich a' dol a phòsadh, chaidh a chuir mu dheidhinn banais a dheanamh dhaibh. Agus rinn a' rìgh cuirm mhór agus banais mhór, thoilichte dhaibh agus thog 'ad rithe sin air falbh dhachaigh gu—dhachaigh fhéin, agus thug 'ad leotha na bhuannaich ise do dhuais, agus tha mi cinnteach nach bu bheag sin. Agus thug 'ad leotha an cat. Agus dh'fhalbh 'ad dhachaigh dh'ionnsaigh an dachaigh fhéin. Agus cha bhiodh cùram dhaibh na cunnart gu faigheadh duine a-mach gu bràth air sìon mu dheidhinn mar a bha cùisean a thaobh, cha robh fhios aig duine, nas motha na tha fios agam fhìn, càit a' robh na bana-bhuidsichean. Thog 'ad rithe dha ' n iarmailt, agus cha bhruidhinneadh an cat ri aon gus an togradh e fhéin, agus cha bhruidhinneadh e ris an neach a thogradh e fhéin. Agus bha 'ad—bha a' chuid sin sàbhailte gu leòr. Ach feumaidh mi nist a dh'innse mu 'n tuathanach. Bha rìgh cho toilichte mar a chaidh gnothaichean, agus thug e òrdan dha 'n tuathanach a h-uile sìon a reic, a spréidh a reic, 's am fearann 's a h-uile sìon a reic agus cùl a chuir ri gnothach a bh' ann agus tighinn a dh'fhuireach còmhla ris dha 'n chaisteal, bheireadh e seòmbar dha fhéin 'sa chaisteal, airson a bhith ann còmhla ris fhéin, ag innse naidheachdan dha. Agus tha mi cinnteach gum bi feadhainn dhiubh gu math breugach. Cha robh mise buileach cho sona 's gun d' fhuair mi còmhla ris a' rìgh.
Agus sin agaibh mar a bha naidheachd a leugh mise air snìomh agus fighe agus fuaigheal.




Notes (fieldnotes):
Source: literary (English).

Joe Neil MacNeil
An Rubha Meadhanach | Middle Cape 583 recordings Faic pròifil | view profile